Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Adhaircean daimh
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_042
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
356
KEYWORDS
sgoiltean
beathaichean
àiteachas
beathaichean obrach
adhaircean
crodh
The horns of an ox

'S e crodh mòr a th' air an ionnsachadh gus rudan a dhraghadh a th' ann an daimh. Tha daimh fireann mar as trice agus bidh iad gu tric air an spoth. Bhiodh daimh, mar bu trice, ag obair nam pàidhir airson a bhith a' treabhadh agus a bhith a' tarraing luchdan agus gu math tric bhiodh barrachd air a dhà còmhla. Ged a bha daimh na bu shlaodaiche na eich agus ged a bhiodh e a' toirt na b' fhaide gus an ionnsachadh, bha iad comasach air rudan na bu truime a shlaodadh agus air an slaodadh na b' fhaide agus cha robh iad cho dualach a bhith air an goirteachadh. Bha na rudan sin gan dèanamh gu math freagarrach airson obair àiteachais. Thàinig na adhaircean daimh seo bho thaobh an iar na Gàidhealtachd agus tha iad air an taisbeanadh air balla Sgoil a' Chnuic Bhàin.

B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil A' Chnuic Bhàin. Bha clasrùm, seòmar-cleòca, stòr tidsear agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil A' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Highland Folk Museum ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Adhaircean daimh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

sgoiltean; beathaichean; àiteachas; beathaichean obrach; adhaircean; crodh

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

'S e crodh mòr a th' air an ionnsachadh gus rudan a dhraghadh a th' ann an daimh. Tha daimh fireann mar as trice agus bidh iad gu tric air an spoth. Bhiodh daimh, mar bu trice, ag obair nam pàidhir airson a bhith a' treabhadh agus a bhith a' tarraing luchdan agus gu math tric bhiodh barrachd air a dhà còmhla. Ged a bha daimh na bu shlaodaiche na eich agus ged a bhiodh e a' toirt na b' fhaide gus an ionnsachadh, bha iad comasach air rudan na bu truime a shlaodadh agus air an slaodadh na b' fhaide agus cha robh iad cho dualach a bhith air an goirteachadh. Bha na rudan sin gan dèanamh gu math freagarrach airson obair àiteachais. Thàinig na adhaircean daimh seo bho thaobh an iar na Gàidhealtachd agus tha iad air an taisbeanadh air balla Sgoil a' Chnuic Bhàin.<br /> <br /> B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil A' Chnuic Bhàin. Bha clasrùm, seòmar-cleòca, stòr tidsear agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil A' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Highland Folk Museum ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937.