Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag A' Chaolais Chumhang agus A' Chuinneag
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3774
ÀITE
An Caolas Cumhang
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
AITHNEACHADH MAOINE
35610
KEYWORDS
beanntan
lochan
bàtaichean
aiseagan
bàtaichean-aiseig
Kylesku Ferry and Quinag

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn aiseag A' Chaolais Chumhang, Cataibh.

'S e tuineachadh beag ann an ceann an iar thuath Chataibh a th' anns a' Chaolas Chumhang, far a bheil Loch a' Ghlinn Chaoil agus Loch a' Ghlinn Dhuibh a' coinneachadh, mus tèid iad tro Loch a' Chàirn Bhàin gu Bàgh Eadar Dhà Chaolas

Thòisich seirbhis-aiseig anns a' Chaolas Chumhang mu 1800, agus mhair i gus an do thogadh drochaid ann an 1984. B' iad eathraichean-ràmh a bh' anns na h-aiseagan an toiseach. Bha trafaig malairteach aig an àm seo air a dhèanamh suas de chrodh a' siubhal gu meadhan na h-Alba agus bhiodh iad a' snàmh thar a' Chaolais.Thòisich aiseagan chàraichean, mar am fear air a' chairt,-puist seo, eadar an dà Chogadh. 'S ann an 1975 a thòisich a' chiad aiseag a bha comasach air carbadan-malairt a ghiùlan.

'S e beinn mhòr ainmeil a th' anns A' Chuinneag ann an Asainte, Cataibh. Tha trì binneanan shònraichte oirre a tha nan 'Corbetts' (beanntan Albannach eadar 2500 troigh agus 3000 troigh le teàrnadh de 500 troigh air gach taobh) air an druim a tha na chumadh 'Y'. 'S e An t-Sàil Gharbh aig 808m (2651 troigh) as àirde dhiubh agus an uair sin An t-Sàil Ghorm (776m/2546 troigh) agus Spidean Còinnich (764m/2506 troigh). A thaobh clach-eòlas, tha A' Chuinneag air a dèanamh suas le clach-ghainmhich Thoirbheartan air gneiss Leodhasach le beagan clach-èite Chambrianach. 'S e Beurlachas air a' Ghàidhlig 'cuinneag' a' ciallachadh peile bleoghainn, air sgàth cumadh na beinne, a th' anns an ainm.

Chaidh Oighreachd Chuinneig, le 8400 acaire a cheannach le Urras Iain Muir ann an 2005.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag A' Chaolais Chumhang agus A' Chuinneag

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

beanntan; lochan; bàtaichean; aiseagan; bàtaichean-aiseig

Highland Libraries' Postcard Collection