Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gloineadaireachd ann an Gallaibh, Inbhir Ùige, Alba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3787
ÀITE
Inbhir Ùige
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
35618
KEYWORDS
glass blowing
glass manufacture
Caithness Glass Blowing, Wick, Scotland

Chaidh an companaidh Caithness Glass a chruthachadh an 1961 an Inbhir Ùige ann am fìor cheann an ear-thuath na h-Alba, le fear Robin Mac na Ceàrdaich nach maireann. Thàinig a' bheachd thuige mun fhactaraidh nuair a chrìon na gnìomhachasan tuathanais agus iasgaich ann am meadhan an 20mh linn, a' fàgail mòran dhaoine san sgìre gun chosnadh.

Bha buntanas gu math làidir aig teaghlach Mhic na Ceàrdaich ri Gallaibh, agus nuair a thòisich an riaghaltas a' togail reactair Niùclasach taobh Inbhir Theòrsa aig deireadh nan 1950an, thòisich Robin Mac na Ceàrdaich a' lorg gnìomhachas a chumadh cosnadh ri muinntir Inbhir Ùige. Bha ealain ghlainne na rud a dheigheadh a reic ri luchd-turais a bha a' tadhal air an sgìre iomallach seo de dh'Alba, agus a bha furasta a reic ri margaidhean thall thairis, mar an ceudna. Bha an gnìomhachas seo a' cur bun-stuth a bha furasta ri fhaighinn gu cruth bathair cliùiteach, le ealantas agus sgil na lùib. Chuir Robin roimhe iarraidh air an Riaghaltas urrasachd a thoirt dha airson factaraidh glainne a thogail.

An ceann ùine, chaidh taic-airgid a chumail ri factaraidh ùr shonraichte le Buidheann nan Oighreachdan Gnìomhachasail Albannach, agus a thoirt air màl gu Caithness Glass an 1961. Bha an companaidh an toiseach a' dèanamh bhobhlaichean, bhàsaichean agus glainnichean-òil san stoidhle Lochlannaich a bha a' còrdadh ri daoine aig an àm. Dh'fhàs na nithean seo, gu luath, gu bhith ainmeil ri linn an dealbhaidh dhathaich a bh' air a' ghlainne, is e a' toirt samhla air dathan dealbh-tìre na h-Alba.

Chaidh an companaidh ann am fiachan an 2004 agus chaidh a cheannach le Edinburgh Crystal agus an uair sin le Darlington Glass. Dhùin an Ionad-tadhail agus factaraidh glainne ann am Peairt agus chaidh gnìomhachas na bu lugha a chur air dòigh aig Ionad-tadhail Chraoibh an 2008

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gloineadaireachd ann an Gallaibh, Inbhir Ùige, Alba

GALLAIBH: Inbhir Ùige

glass blowing; glass manufacture

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection