Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Taigh mu Dheireadh agus Taigh-òsta, Taigh Iain Ghròt
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3799
ÀITE
Taigh Iain Ghròt
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Canasbaigh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
35632
KEYWORDS
hotels
Last House and Hotel, John o' Groats

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt ann an Gallaibh agus an Taigh Mu Dheireadh ann an Alba.

Chaidh an taigh-òsta a stèidheachadh ann an 1875 agus chaidh cur ris iomadach turas an dèidh sin. Tha an taigh-òsta air a stèidheachadh air an làrach far am b' àbhaist dha taigh eile a bhith; taigh air an robh, a rèir beul-aithris, ochd taobhannan agus a bha air a thogail le Jan de Groot. Fhuair am baile ainm bhon Dùitseach sin.

Fhuair De Groot an toiseach cead bàt'-aiseag a ruith gu Arcaibh ann an 1486. Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do thog an Dùitseach taigh ochd-thaobhach le bòrd ochd-thaobhach na bhroinn gus am b' urrainn dha ithe còmhla ri ochdnar mhac fhèin. Bha seo a' cur stad air argamaidean mu cò a b' fhaisge air ceann a' bhùird agus bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dhan athair a bhith a cheart cho bàigheil ri na mic uile. Tha pòla-brataich ri taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich far a bheilear dhen bheachd a bha an taigh. Tha cumadh ochd-taobhach an togalaich air a riochdachadh le àiltireachd Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt.

Thathas ag ràdh, gu connspaideach, gur e an togalach seo bhon 19mh linn an taigh mu dheireadh air tìr-mòr na h-Alba, ged a tha gu leòr a' cumail a-mach gum faighear lorg air an taigh-chòmhnaidh mu dheireadh aig Ceann Dùnaid. 'S e taigh-tasgaidh Thaigh Iain Ghròt a th' anns an taigh an-diugh, àite air am bi mòran luchd-turais a' tadhal gach bliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigh mu Dheireadh agus Taigh-òsta, Taigh Iain Ghròt

GALLAIBH: Canasbaigh

hotels

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection