Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' tighinn chun a' Chidhe, Ulapul
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3878
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
35716
KEYWORDS
An Dàrna Cogadh
ailtireachd
togalach
togalaichean
The Approach to the Pier, Ullapool

Cairt-puist a' sealtainn an t-s;lighe a-steach chun a' chidhe ann an Ulapul.

Chaidh Ulapul a dheilbh ann an 1788 le Comann Iasgairean Bhreatainn nuair a bha iad airson brath a ghabhail air iasgach an sgadain san sgìre. Thar an ath 150 bliadhna bha fortanan Ulapuil ag èirigh agus a' tuiteam leis an sgadan a bha ri am faotainn anns na h-uisgeachan mu cuairt air Loch Bhraoin. An dèidh an Dàrna Cogadh dh'adhbhraich bàtaichean ùra na bu mhotha agus dòighean glacaidh na b' fheàrr gun deach gnìomhachas an iasgaich am meud ann an Ulapul, agus nuair a bha an stoc air am falmhachadh chrìon an gnìomhachas a-rithist..

Anns na 1970 nuair a bha rionnach a' còrdadh ri barrachd thàinig àireamh mòr de shoithichean factaraidh bho taobh an Ear na Roinn Eòrpa gu acair ann an Loch Bhraoin. Glè thric bhiodh na 'klondyers' a' fuireach airson sia mìosan aig an aon àm, agus bhiodh na criuthaichean bhon Bhloc an Ear a' tighinn air tìr a cheannach bathair nach fhaigheadh iad nan dùthchannan fhèin.

An-diugh tha cabhlach beag de bhàtaichean à Ulapul ag iasgach mar as trice airson musgain-caola, creachainn agus crùbagan agus tha an aiseag chàraichean eadar Ulapul agus Steòrnabhagh agus ceanglaichean rathaid nas fheàrr a dh'Inbhir Nis a' fàgail Ulapul na cheann-uidhe a tha a' còrdasdh ri luchd-turais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' tighinn chun a' Chidhe, Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

An Dàrna Cogadh; ailtireachd; togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection