Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Nead speachan
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_045
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
359
KEYWORDS
speachan
biastagan
neadan
nàdar
leasnan
sgoiltean
Wasp's nest

Tha neadan speachan air an dèanamh le speachan a' cagnadh fiodh còmhla ri seile gus stuth pàipeir a dhèanamh. Tha na neadan air an dèanamh suas le iomadach cealla a tha air an còmhdach le pàipear. Aig toiseach gach seusan bidh na neadan gu math beag ach fàsaidh iad nas motha mar a thèid an samhradh air adhart leis mar a mheudaicheas na tha de speachan ann. Anns a' chiad dol-a-mach, 's ann airson briodadh a tha na neadan air an cleachdadh. Faodaidh mìltean de speachan fa-leth a bhith ann an nead ach cha bhi an nead ach air a cleachdadh aon turas agus bidh iad ga fàgail as t-fhoghar. Bha an nead seo mar phàirt de bhòrd nàdair ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin.

B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin. Bha clasrum, seòmar-chleòcan, stòr tidseir agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Nead speachan

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

speachan; biastagan; neadan; nàdar; leasnan; sgoiltean

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Tha neadan speachan air an dèanamh le speachan a' cagnadh fiodh còmhla ri seile gus stuth pàipeir a dhèanamh. Tha na neadan air an dèanamh suas le iomadach cealla a tha air an còmhdach le pàipear. Aig toiseach gach seusan bidh na neadan gu math beag ach fàsaidh iad nas motha mar a thèid an samhradh air adhart leis mar a mheudaicheas na tha de speachan ann. Anns a' chiad dol-a-mach, 's ann airson briodadh a tha na neadan air an cleachdadh. Faodaidh mìltean de speachan fa-leth a bhith ann an nead ach cha bhi an nead ach air a cleachdadh aon turas agus bidh iad ga fàgail as t-fhoghar. Bha an nead seo mar phàirt de bhòrd nàdair ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin.<br /> <br /> B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin. Bha clasrum, seòmar-chleòcan, stòr tidseir agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937