Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Strap Loch Gheallaidh
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_046
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
360
KEYWORDS
peanasan
sgoiltean
strap
crios
sràc
Lochgelly Tawse

B' e sealladh gu math cumanta a bh' ann an Strap Loch Gheallaidh ann an sgoiltean air feadh Alba aig aon àm. B' e strap, thiugh leathair a bh' innte agus bha dhà no trì earbaill air an gearradh aig aon cheann. Chaidh a' chiad Strap Loch Gheallaidh a dhèanamh le fear a bhiodh a' dèanamh stuthan leathair air an robh Phillips, ann am baile Loch Gheallaidh, dha a bhràthair agus dha a phiuthar a bha le chèile nan tidsearan. Chaidh an gnìomhachas fo smachd an teaghlaich Dick, cuideachd à Loch Gheallaidh, agus bha iad ainmeil airson cho math agus a bha an cuid strapan. Bha John Dick and Sons of Lochgelly a' dèanamh nan strapan airson sgoilearan a pheanasachadh ann an sgoiltean. Bha riaghailtean air cleachdadh na strap a' ciallachadh gum feumadh na sgoilearan a bhith air am penasachadh air beulaibh sgoilearan eile ma bha iad gu bhith air am peanasachadh idir. Bha e air iarraidh air an sgoilear a bha gu bhith air a pheanasachadh a làmh a chumail a-mach, agus an làmh eile ga cumail sin suas. Nam biodh an sgoilear a' dol a dh'fhaighinn barrachd air aon shràc dh'fheumadh e gluasad bho aon làimh chun na làimh eile an dèidh gach sràc. Bhiodh an t-strap air a toirt seachad mar pheanas airson iomadach adhbhar leithid eas-ùmhlachd, stràicealachd, droch litreachadh agus droch sgrìobhadh.

B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil A' Chnuic Bhàin. Bha clasrùm, seòmar-cleòca, stòr tidsear agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil A' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Highland Folk Museum ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Strap Loch Gheallaidh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

peanasan; sgoiltean; strap; crios; sràc

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

B' e sealladh gu math cumanta a bh' ann an Strap Loch Gheallaidh ann an sgoiltean air feadh Alba aig aon àm. B' e strap, thiugh leathair a bh' innte agus bha dhà no trì earbaill air an gearradh aig aon cheann. Chaidh a' chiad Strap Loch Gheallaidh a dhèanamh le fear a bhiodh a' dèanamh stuthan leathair air an robh Phillips, ann am baile Loch Gheallaidh, dha a bhràthair agus dha a phiuthar a bha le chèile nan tidsearan. Chaidh an gnìomhachas fo smachd an teaghlaich Dick, cuideachd à Loch Gheallaidh, agus bha iad ainmeil airson cho math agus a bha an cuid strapan. Bha John Dick and Sons of Lochgelly a' dèanamh nan strapan airson sgoilearan a pheanasachadh ann an sgoiltean. Bha riaghailtean air cleachdadh na strap a' ciallachadh gum feumadh na sgoilearan a bhith air am penasachadh air beulaibh sgoilearan eile ma bha iad gu bhith air am peanasachadh idir. Bha e air iarraidh air an sgoilear a bha gu bhith air a pheanasachadh a làmh a chumail a-mach, agus an làmh eile ga cumail sin suas. Nam biodh an sgoilear a' dol a dh'fhaighinn barrachd air aon shràc dh'fheumadh e gluasad bho aon làimh chun na làimh eile an dèidh gach sràc. Bhiodh an t-strap air a toirt seachad mar pheanas airson iomadach adhbhar leithid eas-ùmhlachd, stràicealachd, droch litreachadh agus droch sgrìobhadh.<br /> <br /> B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil A' Chnuic Bhàin. Bha clasrùm, seòmar-cleòca, stòr tidsear agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil A' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Highland Folk Museum ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937.