Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peann airson dubh le pàipear-tiormachaidh
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_047
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
361
KEYWORDS
pinn
pinn le gob
amaran-duibhe
dubh
sgoiltean
deasgaichean
leasanan
làmh-sgrìobhaidh
sgrìobhadh
Ink pen with blotting paper

Gu meadhan nan 1900an bha pàipear air a mheas ro dhaor airson a bhith air a chleachdadh ann am mòran sgoiltean beaga. An àite sin bhiodh sgoilearan a' cleachdadh sglèat agus peansail sglèata airson a' chuid bu mhotha dhe na leasanan. Bha obair air làmh sgrìobhaidh air ionnsachadh air pàipear, ge-tà, a' cleachdadh peann agus dubh. Bhiodh an dubh air a cumail ann an siuga ri taobh an tidseir agus bhiodh e air a dhòrtadh ann an amaran-duibhe air na deasgaichean airson leasan air làmh-sgrìobhaidh. Bhiodh pìos de phàipear-tiormachaidh air a chleachdadh gus dèanamh cinnteach nach sgaoileadh an dubh air a' phàipear far an robhar a' sgrìobhadh. Bidh mòran dhe na daoine a bha a' cleachdadh phinn agus amaran-duibhe ag innse sgeulachdan mu bhith a' bogadh pàipear a bh' air a dhèanamh na bhall dha na h-amaran-duibhe agus a bhith ga chaitheamh air feadh a' chlasrum. Chan eil teagamh nan dèigheadh an glacadh nach biodh Strap Loch Ghealladh air a chleachdadh orra airson am peanasachadh.

B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin. Bha clasrùm, seòmar-cleòca, stòr tidsear agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peann airson dubh le pàipear-tiormachaidh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

pinn; pinn le gob; amaran-duibhe; dubh; sgoiltean; deasgaichean; leasanan; làmh-sgrìobhaidh; sgrìobhadh

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Gu meadhan nan 1900an bha pàipear air a mheas ro dhaor airson a bhith air a chleachdadh ann am mòran sgoiltean beaga. An àite sin bhiodh sgoilearan a' cleachdadh sglèat agus peansail sglèata airson a' chuid bu mhotha dhe na leasanan. Bha obair air làmh sgrìobhaidh air ionnsachadh air pàipear, ge-tà, a' cleachdadh peann agus dubh. Bhiodh an dubh air a cumail ann an siuga ri taobh an tidseir agus bhiodh e air a dhòrtadh ann an amaran-duibhe air na deasgaichean airson leasan air làmh-sgrìobhaidh. Bhiodh pìos de phàipear-tiormachaidh air a chleachdadh gus dèanamh cinnteach nach sgaoileadh an dubh air a' phàipear far an robhar a' sgrìobhadh. Bidh mòran dhe na daoine a bha a' cleachdadh phinn agus amaran-duibhe ag innse sgeulachdan mu bhith a' bogadh pàipear a bh' air a dhèanamh na bhall dha na h-amaran-duibhe agus a bhith ga chaitheamh air feadh a' chlasrum. Chan eil teagamh nan dèigheadh an glacadh nach biodh Strap Loch Ghealladh air a chleachdadh orra airson am peanasachadh.<br /> <br /> B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin. Bha clasrùm, seòmar-cleòca, stòr tidsear agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937