Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Pen and ink well

Chithear anns an dealbh seo peann-dupaidh ('dip in pen') na laighe air deasg ri taobh pàipear-tiormachaidh aig Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Bhathas a' cleachdadh nam peann seo suas gu ruige nan 1960an nuair a thàinig leudachadh air pinn-tiobraid. Bhiodh sgoilearan na b' òige a' feuchainn air sgrìobhadh le treidheachan gainmhich air neo sglèata agus peansailean agus dh'fheumadh clann ìre a ruighinn ann an comas mus fhaigheadh iad na pinn fhèin.

Dheigheadh na pinnearan a lìonadh a h-uile madainn le aon dhe na sgoilearan ris an canar 'ink monitor'. 'S e dreuchd gu math urramach a bha seo le mòran airson a dèanamh. 'S ann a bhathas ag ùisneachadh a' phàipeir-thiormachaidh ann a bhith a' glanadh inc sam bith a bha air dòrtadh agus airson sùghadh rud dhen inc bho obair nan sgoilearan gus nach deigheadh an inc na smal. Bha e cuideachd na chleachdadh, ge-tà, a bhith a' sùghadh a' phàipeir-thiormachaidh ann an inc, ga roiligeadh gus an tigeadh iad nam peilearean beaga agus an uair sin gan tilgeil air feadh an t-seòmair is aire an tidseir air rud eile.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peann agus pinnear

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

peann-dupaidh, pinn-dupaidh; deasg; deasgan; pàipear-tiormachaidh; pinnear; pinnearan; sgrìobhan-tiobraid; sgrìobhain-tiobraid; treidhe-gainmhich; treidheachan gainmhich; sglèata is peansailean; peilearan inca; sgoilear na h-inc; sgoilearan na h-inc

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Chithear anns an dealbh seo peann-dupaidh ('dip in pen') na laighe air deasg ri taobh pàipear-tiormachaidh aig Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Bhathas a' cleachdadh nam peann seo suas gu ruige nan 1960an nuair a thàinig leudachadh air pinn-tiobraid. Bhiodh sgoilearan na b' òige a' feuchainn air sgrìobhadh le treidheachan gainmhich air neo sglèata agus peansailean agus dh'fheumadh clann ìre a ruighinn ann an comas mus fhaigheadh iad na pinn fhèin. <br /> <br /> Dheigheadh na pinnearan a lìonadh a h-uile madainn le aon dhe na sgoilearan ris an canar 'ink monitor'. 'S e dreuchd gu math urramach a bha seo le mòran airson a dèanamh. 'S ann a bhathas ag ùisneachadh a' phàipeir-thiormachaidh ann a bhith a' glanadh inc sam bith a bha air dòrtadh agus airson sùghadh rud dhen inc bho obair nan sgoilearan gus nach deigheadh an inc na smal. Bha e cuideachd na chleachdadh, ge-tà, a bhith a' sùghadh a' phàipeir-thiormachaidh ann an inc, ga roiligeadh gus an tigeadh iad nam peilearean beaga agus an uair sin gan tilgeil air feadh an t-seòmair is aire an tidseir air rud eile. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich