Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ghleann Garaidh, Loch Omhaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_4409
ÀITE
Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
36204
KEYWORDS
caistealan
tobhta
Glengarry Castle Loch Oich

Cairt-phuist de Chaisteal Ghleann Garaidh, Loch Omhaich.

Tha Loch Omhaich air fear de thrì lochan sa Ghleann Mhòr, is tha e eadar Loch Lòchaidh is Loch Nis. Tha 4 mìle (6½ km) de dh'fhaid agus beagan gann air leth-mhìle (1km) de leud ann. Tha Abhainn Garaidh a' sruthadh a-steach ann bhon iar agus tha Abhainn Omhaich ga cheangal ri Loch Nis dhan ear-thuath, na phàirt de Shligh' Uisge a' Ghlinne Mhòir. Tha Loch Lòchaidh, Loch Omhaich agus Loch Nis uile air an ceangal ri chèile leis a' chanàl seo a thogadh le Tòmas Telford (1757-1834). Chaidh pàirt dheth fhosgladh ann an 1822 ach cha deach crìoch a chur air a' chanàl air fad gu 1847.

Tha Caisteal Inbhir Garaidh air cladach an locha, mu leth-mhìle an ear air clachan Inbhir Garaidh. Thogadh an caisteal tràth san t-17mh linn mar dhaingneach do Chlann Dòmhnaill. Chaidh a losgadh leis an t-Seanalair Monck ann an 1654 ach chaidh ath-thogail na dhaingneach. Dh'atharraich seilbh a' chaisteil aig àm ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus rinn am Prionnsa Teàrlach tadhal air rè an ar-a-mach 1745. Ann an 1746, chaidh an caisteal a sgrios le saighdearan Diùc Chumberland agus cha deach a thogail tuilleadh. An àite sin, chaidh aitreabh mòr ùr a thogail faisg air làimh agus an-diugh 's e Taigh-òsta Caisteal Ghlinn Garaidh a th' ann. Tha tobhta a' chaisteil ann an gàrradh an taigh-òsta.

Air cladach an iar an locha lorgar carragh-cuimhne le ìomhaigh de chinn sgoilte seachdnar dhaoine air an snaidheadh oirre. Chaidh a togail ann an 1812 mar chuimhneachan air rud, 's dòcha, a thachair mu 1663. Tha an sgeulachd ag aithris gun deach dithis mhac, le ceannard MhicDhòmhnaill, a mhurt ann an aimhreit le uncail dha agus na sianar mhac aige. Chaidh òrdugh a chur mu sgaoil ach an deigheadh na seachdnar seo a mhurt mar dhìoghaltas, agus nochd trì fichead fear aig taigh an t-seachdnar airson cur às dhaibh. Chaidh na cinn aca a thoirt dhiubh agus an glanadh ann an tobar faisg air làimh, mus deach iad an toirt seachad mar dhuais do Cheannard Inbhir Garaidh. 'S e 'Tobar nan Ceann' a th' air an tobar bho àm sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ghleann Garaidh, Loch Omhaich

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

caistealan; tobhta

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards