Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoil a' Chnuic Bhàin
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_049
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
363
KEYWORDS
iarann preasach
togalach iarann preasach
imrich chlann-sgoile
Knockbain School

Doras aghaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Thogadh an togalach seo (a tha air a sgeadachadh le iarann preasach) an toiseach mar leasachadh air an sgoil a bh' ann roimhe sa choimhearsnachd bhig air a bheil An Cnoc Bàn, ri taobh Chnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis. Anns na 1920an, dh'èirich iomairt a chum clann a thogail à bochdainn ann am meadhan bhailtean na Galldachd a chuir gu beatha air tuath air a' Ghàidhealtachd, ach foghlam agus beatha cearta a thoirt dhaibh air an dùthaich. Thogadh an togalach seo airson na sgoilearan ùra seo a ghabhail.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoil a' Chnuic Bhàin

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

iarann preasach; togalach iarann preasach; imrich chlann-sgoile

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Doras aghaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Thogadh an togalach seo (a tha air a sgeadachadh le iarann preasach) an toiseach mar leasachadh air an sgoil a bh' ann roimhe sa choimhearsnachd bhig air a bheil An Cnoc Bàn, ri taobh Chnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis. Anns na 1920an, dh'èirich iomairt a chum clann a thogail à bochdainn ann am meadhan bhailtean na Galldachd a chuir gu beatha air tuath air a' Ghàidhealtachd, ach foghlam agus beatha cearta a thoirt dhaibh air an dùthaich. Thogadh an togalach seo airson na sgoilearan ùra seo a ghabhail.<br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich