Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Men and women packing fish at Scrabster Harbour

Bha boireannaich glè chudromach ann an gnìomhachas an iasgaich ann an Alba; bha feadhainn air am fastadh gus na lìn a bhiathadh, ach b' ann mar luchd-obrach a' cutadh 's a' sailleadh an èisg a bha a' chuid a bu mhotha dhiubh an sàs. Nuair a bhiodh ràith an sgadain seachad san sgìre aca fhèin, bhiodh mòran de chlann-nighean an sgadain a' siubhal gu deas ach an glacadh iad ràith an fhoghair aig an sgadan ann an calannan iasgaich leithid Great Yarmouth no Lowestoft.

'S fhada bhon a bha Sgrabastair na chaladh do sheòladairean agus dh'fhàs e gu bhith na gheata gu ruig Arcaibh, Sealtainn agus na Dùthchannan Lochlannach. Chaidh an caladh a th' ann an-diugh a thogail mu 1841 agus mus robh 1856 ann, bha aiseag a' dol às gu ruig Sromnis. 'S e pàirt chudromach aig eaconamaidh taobh a tuath na h-Alba a th' ann, ach uaireigin b' e cuideachd ionad aig meadhan nan cabhlach ag iasgach an sgadain, mus do ghabh einnseanan smùid àite nam bàtaichean-siùil.

Le cho soirbheachail 's a tha an t-àite far a bheil e na shuidhe, tha Sgrabastair an-diugh chan ann a-mhàin na phort a tha a' fàs nas luaithe na gin eile san Rìoghachd Aonaichte, ach cuideachd tha e na theis-meadhan nan leasachaidhean san ola sa Chuan a Tuath. Tha leasachaidhean ùra air toirt thuige togail de laimrig ùir agus de mhias le uisge domhainn.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fireannaich is boireannaich a' pacadh èisg aig Caladh Sgrabastair

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

cala sgrabastair; calannan; portan; calaidhean; laimrigean; iasgach; bàtaichean-iasgaich; gnìomhachas an iasgaich; sgadan; clann-nighean an sgadain