Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-aoigheach Choir’ Uisg’, Ealaghol, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5537
ÀITE
Ealaghol
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37167
KEYWORDS
Taigh-aoigheachd Ealaghoil
Oifis Puist Ealaghoil
turasachd
àite-fuirich luchd-turais
Coruisk Boarding House, Elgol, Isle of Skye

Tha Taigh-aoigheachd Choir’ Uisg’ ann an Ealaghol san Eilean Sgitheanach san dealbh seo tràth anns an 20mh linn. ‘S e taigh dà ùrlarach a th’ann le leudachadh air an taobh dheis a tha dèanta de dh’iarann preasach le poirdse chun an aghaidh a tha a’ ruith air leud an taighe. Bha Oifis Puist na coimhearsnachd ann aig aon àm, ach aon uair ‘s gun do thòisich e a’ tabhann àite-fuirich, ghabh an taigh beag an ath dhoras thairis an obair sin. Feumaidh e bhith gun robh an gnìomhachas math, oir chaidh an dà thogalach a leasachadh, le ùrlar eile agus uinneagan mòra anns an taigh bu lugha, agus chaidh an leudachadh air an taigh bu mhotha ath-thogail le clach.

‘S e taigh-bìdh uachdranach le rùmannan a th’ anns an togalach an-diugh (2012), ris an canar Taigh Choir’ Uisg’, ach aithnichear a’ phrìomh taigh fhathast, le grianan glainne ri aghaidh.

Le aon de na seallaidhean as fheàrr san Eilean Sgitheanach den Chuiltheann, tha Ealaghol air a bith na cheann-uidhe a tha a’ còrdadh ri luchd-turais bho linn Bhictoria. ‘S ann às an sin cuideachd a bhios turais-bàta a’ fàgail gu Loch Coir’ Uisg’, a-staigh am maesg nam beann. Bha e aig aon àm an eisimeil air croitearachd agus iasgach, ach tha leasachaidhean air rathaidean agus còmhdhail air mòran a bharrachd luchd-turais a bhrosnachadh gus tadhal air an sgìre, ged a tha an rathad às An Àth Leathann fhathast singilte agus caran lùbach, a’ cur ri cho sònraichte sa tha an àite.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-aoigheach Choir’ Uisg’, Ealaghol, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1930an

Taigh-aoigheachd Ealaghoil; Oifis Puist Ealaghoil; turasachd; àite-fuirich luchd-turais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection