Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach à Gleann Eilg.
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5563
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
DEIT
c1888
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37188
KEYWORDS
carragh cuimhne
seann chidhe Ghleann Eilg
cidhe Ghleann Eilg
Gleann Eilg
Caolas Shlèite
Slèibhte
Caolas Chaol Reithe
Caol Reatha
Looking over the sea to Skye from Glenelg

Tha Carragh-Cuimhne a' Chogaidh ann an Gleann Eilg na shuidhe a' coimhead thar Bhàgh Ghleann Eilg gu Caol Reithe san Eilean Sgitheanach tarsainn air Caolas Shlèite. Tha an seann chidhe air an taobh dheas. Tha trì figearan snaighte ann an umha sa Charragh - aingeal a' riochdachadh Buaidh, saighdear Gàidhealach le a cheann air a chromadh a' riochdachadh Fois agus boireannach air a glùinean a' riochdachadh Daonnachd. Tha ìomhaighean eile ann, nam measg druma air an dara taobh, crùnan agus colman. Chaidh an carragh-cuimhne a choimiseanadh leis an Leadaidh Scott a bha roimhe às an Eilean Riabhach, agus chaidh an snaigheadh a dhèanamh le Louis Reid Deuchars (1870 - 1917) a bha ag obair aig an ailtire Sir Robert Stodart Lorimer (1864 - 1929). Chaidh a choisrigeadh an 23mh Dàmhair 1920, agus bha e air a nochdadh le Iain Banner agus an Leadaidh Banner. Am measg nam 20 ainm air an liostadh air a' charragh tha ainm a' Mhàidseir Valentine Fleming, athair sgrìobhadair agus cruthadair Sheumais Bond, Iain Fleming.

Tha baile beag Ghleann Eilg na laighe air tràigh Bhàgh Ghleann Eilg a' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach. Tha e air a chuairteachadh air trì taobhan leis a' mhuir - Loch Duich, Caolas Shlèite agus Loch Shùirn - agus chan eil ach aon rathad a' ruighinn thuige a' dol thairis air Màm Ratagain à Gleann Seile. B' e Baile na h-Eaglaise, no Kirkton, a bh' air gu ruig an 18mh linn agus dh'fhàs am baile timcheall air eaglais na paraiste agus leudaich e nuair a chaidh gearasdan Bhearnara a thogail ann an 1717 agus a thàinig saighdearan an airm. Tha dà bhroch o Linn an Iarainn san àite a tha fhathast meadhanach àrd, iomlan. Uaireigin b' e Gleann Eilg am prìomh àite far am biodh iad ag iomain a' chruidh thar a' Chaolas on Eilean gu tìr-mòr. Tha aiseag beag fhathast a' ruith as t-samhradh thar a' chaolas.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach à Gleann Eilg.

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1940an; 1950an

carragh cuimhne; seann chidhe Ghleann Eilg; cidhe Ghleann Eilg; Gleann Eilg; Caolas Shlèite; Slèibhte; Caolas Chaol Reithe; Caol Reatha

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha Carragh-Cuimhne a' Chogaidh ann an Gleann Eilg na shuidhe a' coimhead thar Bhàgh Ghleann Eilg gu Caol Reithe san Eilean Sgitheanach tarsainn air Caolas Shlèite. Tha an seann chidhe air an taobh dheas. Tha trì figearan snaighte ann an umha sa Charragh - aingeal a' riochdachadh Buaidh, saighdear Gàidhealach le a cheann air a chromadh a' riochdachadh Fois agus boireannach air a glùinean a' riochdachadh Daonnachd. Tha ìomhaighean eile ann, nam measg druma air an dara taobh, crùnan agus colman. Chaidh an carragh-cuimhne a choimiseanadh leis an Leadaidh Scott a bha roimhe às an Eilean Riabhach, agus chaidh an snaigheadh a dhèanamh le Louis Reid Deuchars (1870 - 1917) a bha ag obair aig an ailtire Sir Robert Stodart Lorimer (1864 - 1929). Chaidh a choisrigeadh an 23mh Dàmhair 1920, agus bha e air a nochdadh le Iain Banner agus an Leadaidh Banner. Am measg nam 20 ainm air an liostadh air a' charragh tha ainm a' Mhàidseir Valentine Fleming, athair sgrìobhadair agus cruthadair Sheumais Bond, Iain Fleming. <br /> <br /> Tha baile beag Ghleann Eilg na laighe air tràigh Bhàgh Ghleann Eilg a' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach. Tha e air a chuairteachadh air trì taobhan leis a' mhuir - Loch Duich, Caolas Shlèite agus Loch Shùirn - agus chan eil ach aon rathad a' ruighinn thuige a' dol thairis air Màm Ratagain à Gleann Seile. B' e Baile na h-Eaglaise, no Kirkton, a bh' air gu ruig an 18mh linn agus dh'fhàs am baile timcheall air eaglais na paraiste agus leudaich e nuair a chaidh gearasdan Bhearnara a thogail ann an 1717 agus a thàinig saighdearan an airm. Tha dà bhroch o Linn an Iarainn san àite a tha fhathast meadhanach àrd, iomlan. Uaireigin b' e Gleann Eilg am prìomh àite far am biodh iad ag iomain a' chruidh thar a' Chaolas on Eilean gu tìr-mòr. Tha aiseag beag fhathast a' ruith as t-samhradh thar a' chaolas.