Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
"Over the Sea to Skye", Gleann Eilg
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5590
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37215
KEYWORDS
cairtean-puist
bàtaichean-aiseig
Caol Reithe
Gleann Eilg
turntable
Tòmas Telford
"Over the sea to Skye", Glenelg

Chaidh a' chairt-phuist seo air a bheil an tiotal 'Over the Sea to Skye, Glenelg' a foillseachadh ann an 1939.

Tha dealbh oirre den bhàta-aiseag 'Kylerhea'. Tha an aiseag eadar Caol Reithe san Eilean Sgitheanach agus Gleann Eilg air tìr mòr a' dol tarsainn air Caolas Reithe far a bheil an dà chladach mu 500 meatair bho chèile. Tha sruth uabhasach làidir ann a chionn 's gu bheil an caolas cho cumhang, ach aig aon àm bha ceudan bheathaichean mairt às an Eilean Sgitheanach agus às na h-Eileanan Siar air an cur gu snàmh tarsainn air an t-sruth nuair a bha marbhshruth ann. Bha iad air slighe na dròibh a' dol gu deas gu àiteachean mar Chraoibh.

Thog Tòmas Telford na cidheachan agus bhathar a' cleachdadh na h-aiseig gu tric gus an deach an rathad-iarainn dhan Chaol a thogail ann an 1897. Chaidh an trafaig gu Caol Reithe sìos gu mòr an uairsin agus nuair a chaidh an aiseag a bhriseadh air na creagan ann an 1914, cha deach tè eile na h-àite airson ùine. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1930 agus tha aiseag bheag ann fhathast as t-samhradh a bheir leatha sia càraichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

"Over the Sea to Skye", Gleann Eilg

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1930an

cairtean-puist; bàtaichean-aiseig; Caol Reithe; Gleann Eilg; turntable; Tòmas Telford

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chaidh a' chairt-phuist seo air a bheil an tiotal 'Over the Sea to Skye, Glenelg' a foillseachadh ann an 1939. <br /> <br /> Tha dealbh oirre den bhàta-aiseag 'Kylerhea'. Tha an aiseag eadar Caol Reithe san Eilean Sgitheanach agus Gleann Eilg air tìr mòr a' dol tarsainn air Caolas Reithe far a bheil an dà chladach mu 500 meatair bho chèile. Tha sruth uabhasach làidir ann a chionn 's gu bheil an caolas cho cumhang, ach aig aon àm bha ceudan bheathaichean mairt às an Eilean Sgitheanach agus às na h-Eileanan Siar air an cur gu snàmh tarsainn air an t-sruth nuair a bha marbhshruth ann. Bha iad air slighe na dròibh a' dol gu deas gu àiteachean mar Chraoibh. <br /> <br /> Thog Tòmas Telford na cidheachan agus bhathar a' cleachdadh na h-aiseig gu tric gus an deach an rathad-iarainn dhan Chaol a thogail ann an 1897. Chaidh an trafaig gu Caol Reithe sìos gu mòr an uairsin agus nuair a chaidh an aiseag a bhriseadh air na creagan ann an 1914, cha deach tè eile na h-àite airson ùine. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1930 agus tha aiseag bheag ann fhathast as t-samhradh a bheir leatha sia càraichean