Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ospadal Cuimhneachaidh Lawson
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5599
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37224
KEYWORDS
cairtean-puist
ospadalan
Beinn Bhragaidh
J. Hinton Gall
tubaistean
Beatles
John Lennon
fuadaichean
diùc Chataibh
ìomhaighean
Lawson Memorial Hospital, Golspie

Chithear dealbh de dh'Ospadal Cuimhneachaidh Lawson ann an Goillspidh air a' chairt-phuist seo.

Tha an t-ospadal aig bonn Beinn Bhragaidh. Thug Alasdair Brown Lawson à Clìn Shlios, Brura an t-ospadal, do Siorrachd Chataibh mar thiodhlac. B' e J. Hinton Gall an t-ailtire. Bha e air a bhith ciorramach fad iomadh bliadhna agus cha robh cothrom aige riamh a dhol don làraich-togail. Lean e an obair togail aig gach ìre ach chaochail e air 30 Dùbhlachd 1899 dìreach mus deach a chrìochnachadh. Dh'fhosgail an t-ospadal air 27 Iuchar 1900.

Chaidh am Beatle John Lennon a thoirt do dh'Ospadal Cuimhneachaidh Lawson air a' chiad latha den Iuchar 1969 cho math ri a bhean Yoko Ono, a mhac Julian agus Kyoko, nighean Ono, às dèidh tubaist beag a bhith aca air an t-slighe gu Diùranais far an robh croit aig antaidh Lennon.

Tha 'The Mannie' air cùlaibh an ospadail os cionn Bheinn Bhragaidh. Chaidh an ìomhaigh mhòr seo de Sheòras Grenville Leveson-Gower, Iarla Gower, Viscount Trentham, 2na Marcais Stafford agus 1d Diùc Chataibh, a shnaigheadh le Sir Francis Chantrey agus tha e mu choinneamh Ghoillspidh.

Bha oighreachdan mòra aig Diùc is Ban-diùc Chataibh. Tha cuimhne aig daoine orra fhathast a chionn 's gun do dh'fhuadaich iad daoine bho na srathan a-staigh san tìr chun a' chosta gus caoraich a chur nan àite. Chaochail an Diùc ann an 1833. Chaidh an ìomhaigh a tha 100 troighean a dh'àird, a chrìochnachadh ann an 1837. Tha an ìomhaigh fhathast ag adhbharachadh connspaid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ospadal Cuimhneachaidh Lawson

CATAIBH: Goillspidh

1910an

cairtean-puist; ospadalan; Beinn Bhragaidh; J. Hinton Gall; tubaistean; Beatles; John Lennon; fuadaichean; diùc Chataibh; ìomhaighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection