Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chearnag, Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5600
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37225
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-dìlleachdan
taighean-cùirte
Seumas Grannd
fuadaichean
The Square, Grantown on Spey

Chithear dealbh den Cheàrnag, Baile nan Granndach air a' chairt-phuist seo.

B' àbhaist do mhargadh a' bhaile a bhith air a chumail ann. Air an taobh an ear, chithear Taigh Srath Spè a chaidh a thogail ann an 1824 an àite dìlleachdanachd bhon 18mh linn. Tha gloc fon cheanglaiche agus chaidh pàigheadh airson seo a-mach à maoin a chaidh a thogail airson nan saighdearan a bha a' sabaid an aghaidh Napoleon a chionn's nach robh feum air nuair a chaill e aig Waterloo.

Is e an Grant Arms Hotel an togalach mòr baranach.

Chaidh an taigh-òsta a dhealbhadh an toiseach le A. Marshall MacCoinnich agus chaidh a thogail ann an 1873-4 ach chaidh cur ris an togalach bhon uair sin. Aig taobh tuath na ceàrnaig, tha an seann taigh-chùirte a chaidh a dhealbhadh le Mattews is Lawrie, a chaidh a thogail ann an 1867. Tha an togalach seo le Comhairle na Gàidhealtachd a-nis.

Chaidh Baile nan Granndach a stèidheachadh ann an 1766 leis an Uachdaran Ionadail, Sir Seumas Grannd. Thog e am baile ann an talamh fosgailte aig crois-rathaid eadar dà rathad mòr. Chaidh teanantan a chaidh fhuadachadh bho a oighreachdan a dh'fhuireach anns a' bhaile. Tha cruth a' bhaile fhathast gu ìre mhòr mar a bha e nuair a chaidh a thogail an toiseach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chearnag, Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1910an

cairtean-puist; taighean-dìlleachdan; taighean-cùirte; Seumas Grannd; fuadaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection