Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse Shidhisgil bhon Pharapet Pool, Abhainn Ilidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5609
ÀITE
Sìdhisgil
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37233
KEYWORDS
cairtean-puist
loidsichean
oighreachdan
iasgach
bradan
Ilidh
Bun Ilidh
Raibeart MacilleChrìosd
òr
Cill Donnain
Baile an òir
Suisgill Lodge from the Parapet Pool, River Helmsdale

Air a' chairt-phuist seo, chithear dealbh de loidse Shidhisgil bhon Pharapet Pool, Abhainn Ilidh, Cataibh.

Bha oighreachd Shidhisgil uair na pàirt de dh'oighreachdan mòra Dhiùc is Bhan-diùc Chataibh. Tha 'Gil' a' tighinn bhon Ghàidhlig agus tha 'suis' a' tighinn bhon Lochlannais, a' ciallachadh an Dara cuid 'beucaich' no 'saithe' (cudaig). Losg an loidse don talamh anns na 1980an.

Is e tè de na h-aibhnichean bradain as fheàrr ann an Alba a th' ann an Abhainn Ilidh.

Chlàraich an reul-eòlaiche is cruinn-eòlaiche Greugach Ptolemy (c100AD -170 AD) abhainn -'ila fluvia ostia' - air costa an ear na h-Alba agus thathar a' smaoineachadh gur e Abhainn Ilidh a bh' ann.

Tha an abhainn ag èiridh à trì lochan ceangailte: Rumasdal, Badanloch and Loch nan Clàr. Tha an abhainn 21mìle (34 cil) a dh'fhaid agus tha i a' sruthadh tro Shrath Chill Donnain agus tro oighreachd Shidhisgil. Tha i a' dol dhan mhuir aig Bun Ilidh, baile iasgach a chaidh a chruthachadh ann an 1818 airson croitearan a chaidh fhuadachadh bho na glinn a-staigh san tìr.

Ann an 1868, chaidh òr a lorg ann am Srath Ilidh le Raibeart MacGilleChriosd, fear a bhuineadh don àite a bha air a bhith a' lorg òir ann an Astràilia. Thòisich seo toir-oir Chill Dhonnain. Bha 500 luchd-siridh òir a' fuireach ann am bothanan fiodha ann am 'Baile an Òr' air an ath bhliadhna. Chaidh na ceadan a thoirt bhuapa ann an 1869 an dèidh do dh'iasgairean is luchd-spòrs ionadail a bhith a' gearan mun bhuaireadh a bha muinntir an òir a' dèanamh.

Chaidh a' chuid as motha den òr a lorg ann an alltan Chill Donnain, Chinn a' Bhràist agus Shidhisgil ach fhuair suirbhidh ann an 1911 a-mach nach robh òr gu leòr ann airson obrachadh eacanomaigeach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse Shidhisgil bhon Pharapet Pool, Abhainn Ilidh

CATAIBH: Cill Donnain

1950an

cairtean-puist; loidsichean; oighreachdan; iasgach; bradan; Ilidh; Bun Ilidh; Raibeart MacilleChrìosd; òr; Cill Donnain; Baile an òir

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection