Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crannalach HMS Natal, air fhaicinn bho Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5636
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37262
KEYWORDS
cairtean-puist
soithichean-cogaidh
mòr-thubaistean
long-bhrisidhean
spreadhaidhean
Cabhlach Rìoghail
Caolas Chrombaidh
Wreck of HMS Natal, seen from Invergordon

Air a' chairt-phuist seo chithear H.M.S. 'Natal', Inbhir Ghòrdain (air a cur fodha 1915)

B' ann ann an Caolas Chrombaigh, a bh' air a chleachdadh na chala sàbhailte do Chabhlach Bhreatainn, a thachair aon de na mòr-thubaistean luing-chogaidh a bu mhiosa a dh'fhuiling Breatainn. Air 30 An Dùbhlachd 1915 bha cuirm Challainn agus film a' dol air bòrd HMS Natal, crùsair armach 13,550 tunna.

Am measg nan aoighean bha Bàillidh Oighreachd Taigh an Fhuamhair, Mgr Harry Dods, a bhean 's a thriùir chloinne, triùir nursaichean bho ospadal an nèibhidh ann an Cromba agus Bhiolet NicIlleDhuibh, bean a' chaiptein, Eric MacIlleDhuibh. Gun rabhadh sam bith chaidh an long-cogaidh a reubadh às a chèile le spreadhadh air an taobh a-staigh dhi. Chuir an long car agus chaidh i fodha ann an taobh a-staigh còig mionaidean. Chaochail 421duine, an caiptean agus na h-aoighean uile nam measg, an dàrna cuid anns an spreadhadh no an dèidh làimhe air sgàth an leòntan.

A dh'aindeoin fhathannan mu shabotàis no ionnsaigh le bata-aigeil nàmhaid cho-dhùin rannsachadh gum b' e còrdaight mì-sheasmhach bu dòcha a bu choireach ris an spreadhadh. Air a chumail san armlann gun èadhraigeadh gu leòr bha an còrdaight air tòiseachadh air fallas a chur dheth gus mu dheireadh spreadh e leis fhèin .

Air sgàth tèarainteachd àm-cogaidh cha b' urrainnear iomradh a thoirt air na thachair. Cha b' urrainn don 'Ross-shire Journal' a ràdh ach gun deach an teaghlach Dods a sgrios gu lèir 'as a result of a painful and distressing accident'. Cha deach lorg fhaighinn riamh air mòran chorp.

Rè ùine chaidh an Natal beag air bheag sìos dhan ghrùnnd ach airson iomadh bliadhna bhiodh bàtaichean an nèibhidh a' nochdadh urram 's iad a' dol seachad oirre. Ged a tha e gu math nas lugha tha an crannalach fhathast na chunnart stiùiridh; tha an làrach air a chomharrachadh le puta rabhaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crannalach HMS Natal, air fhaicinn bho Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

cairtean-puist; soithichean-cogaidh; mòr-thubaistean; long-bhrisidhean; spreadhaidhean; Cabhlach Rìoghail; Caolas Chrombaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection