Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luing-chogaidh ann an Cala Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5638
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37264
KEYWORDS
cairtean-puist
Sir Uilleam Gòrdan
Inbhir Breacaidh
Clann MhicLeòid
Cathabul
puirt
calaidhean
Cabhlach Rìoghail
ionad nèibhidh
gàrraidhean
linneachan

Warships in Invergordon Harbour

Air a' chairt-phuist seo chithear luing-chogaidh ann an cala Inbhir Ghòrdain.

Tràth san ochdamh linn deug cheannaich Sir Uilleam Gòrdan oighreachd air an robh Inbhir Bhreacaidh agus thug e Inbhir Ghòrdain air. Tha 'breacaidh' a' tighinn 's dòcha bho allt leis an ainm sin a tha a' sruthadh a-steach a Chaolas Chrombaigh gu sear air a' bhaile. B' e an t-àite air a bheil am baile a-nis An Rudha Aonach Breacaidh.

Aig àm Cunntas Àireamhail na h-Alba (1791-99) bha clachan cuimseach mòr aig Nis Inbhir Ghòrdain far am faigheadh soithichean 100 tunna air laighe gu sàbhailte agus an luchd a chur air bòrd no air tìr faisg air a' chladach. Bha gual agus aol air an toirt a-steach gu cunbhalach le bàta..

Chaidh cidhe a thogail agus an dèidh do MhicLeòid Chathabuil an oighreachd a cheannach, chaidh cala a thogail ann an 1828. Chaidh laimrig fhiodha a chur ris ann an 1837.

Dh'inns Cunntas Àireamhail Ùr na h-Alba (1834-45) gun robh bàtaichean-smùidea' siubhal gu cunbhalach bho Inbhir Ghòrdain a dh'Inbhir Nis, Obar Dheathain, Lìte agus Lunnainn. Bha gràn air a thoirt a-steach agus stoc air a chur a-mach.

'S fhada o dh'aithnicheadh gun robh Caolas Chrombaigh na chala domhainn nàdarra. Thòisich a cho-cheangal ris a' Chabhlach Rìoghail tràth anns an naoidheamh linn deug. Tràth anns an fhicheadamh linn rinneadh Inbhir Ghòrdain na ionad nèibhidh oifigeil air am biodh Feachd na Dachaigh tric a' tadhal.

Bha goireasan docaidh, sòlar guail agus tancaichean tasgaidh ola deatamach san dà Chogadh Mhòr.

San t-Sultain 1931 ràinig Cabhlach a' Chuain Atlantaig Inbhir Ghòrdain is naidheachd ann gun robh an Riaghaltas an dùil tuarastal sheòladairean a ghearradh mar oidhirp air dèiligeadh ris an Ìsleachadh. B' e a' bhuil Ar-a-mach Inbhir Ghòrdain nuair a chaidh mìle seòladair air stailc.

Dhùin ionad an nèibhidh ann an 1956.

Ann an 1961 stèidhich Grùdairean Inbhir Ghòrdain taigh-grùdaidh gràin gu sear air a' bhaile. Tha taigh-staile 'Whyte and Mackay', a tha le buidheann bho na h-Innsean a-nis, fhathast a' toirt cosnadh dhan sgìre.

Aig deireadh nan 1960an thòisich Alcan Bhreatainn air leaghadair almain a thogail. Aig àirde na h-obrach bha mìle duine ag obair aig an leaghadair agus bha e air aon de na h-ionadan tionnsgalach bu mhotha air Ghàidhealtachd. Gu mì-shealbhach dhearbhadh gun robh e neo-eaconamach agus dhùin e anns an Dùbhlachd 1981.

Bha ath-bheothachadh ann an leasachadh ann an Caolas Chrombaigh anns na 1970an airson gnìomhachas ola a' Chuain a Tuath. Bha sgìre gu sear air a' bhaile aig Neig air a faicinn mar àite air leth math airson cruinn ola a thogail. Tha seo air a dhol sìos ach tha Inbhir Ghòrdain fhathast na ionad cudromach airson càradh agus tha na structaran ro-mhòr fhathast a' toirt buaidh air a' bhaile.

Anns na bliadhnachan mu dheireadh leis gu bheil an t-uisge domhainn agus am fasgadh anns a' chaolas tha Inbhir Ghòrdain a-nis na phort air am bi soithichean-turais a' tadhal gu cunbhalach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luing-chogaidh ann an Cala Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1930an

cairtean-puist; Sir Uilleam Gòrdan; Inbhir Breacaidh; Clann MhicLeòid; Cathabul; puirt; calaidhean; Cabhlach Rìoghail; ionad nèibhidh; gàrraidhean; linneachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection