Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-Club Goilf agus Beinn Uais, Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5655
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37281
KEYWORDS
cairtean-puist
spòrs
goilf
Gàrraidhean Ameireaganach
beanntan
Golf Club House and Ben Wyvis, Invergordon

Air a' chairt-phuist seo chithear Taigh-Club a' Ghoilf agus Beinn Uais, Inbhir Ghòrdain

Chaidh Club Goilf Inbhir Ghòrdain a chur air bhonn ann an 1893. B' e cùrsa naoi-tuill a bh' ann an toiseach, air a thogail air fearann Caisteal Inbhir Ghòrdain (air a leagail ann an 1928) a bha a' toirt a-steach àite ris an canar na Gàrraidhean Ameireaganach. Tha an t-ainm air a ghleidheadh air an naoidheamh toll. Chaidh an cùrsa a leudachadh gu ochd tuill deug ann an 1996.

Air cùl an Taigh-Chlub tha stìopall na h-Eaglaise Saoire Aonaichte, air a togail ann an 1861, agus a-nis na h-Eaglais na h-Alba.

'S e Beinn Uais, aig 3430 troigh, a' bheinn as motha agus as àirde air taobh sear na h-Alba tuath air Inbhir Nis. Tha 'Uais' 's dòcha bhon fhacal 'fuathas' agus dh'fhaodadh iomadh ciall a bhith aige - eagal, urram, àrd, urramach no taibhseach. Tha iad sin uile a' freagairt air a' bheinn seo. Anns na coireachan gu sear bidh sneachd a' laighe fad iomadh mìos agus nuair a fhuair Clann Choinnich sealbh air an fhearann bhon Rìgh b' ann air chùmhnant gun nochdadh iad ball-sneachda uair sam bith a bhiodh e air iarraidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-Club Goilf agus Beinn Uais, Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1930an

cairtean-puist; spòrs; goilf; Gàrraidhean Ameireaganach; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection