- TIOTAL
- Eaglais Chille Mhoire an Ear, agus Carragh-cuimhne Cogaidh
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_5676
- ÀITE
- Cille Mhoire an Ear
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Sgìre Mhoire Shìos
- LINN
- 1920an; 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 37304
- KEYWORDS
- cairtean-puist
eaglaisean
tùir
Iarlan Chrombaidh
Seòras Rothach
Mairead Dunbar

Air a' chairt-phuist seo chithear Eaglais Chille Mhoire an Ear agus Carragh-cuimhne Cogaidh.
Tha an eaglais air cladach a tuath Chaolas Chrombaigh, ceithir mìle ear-thuath air Inbhir Ghòrdain. Thogadh i ann an 1798 ach aig a' cheann shear tha togalach gu math nas sine agus tùr cruinn.
'S dòcha gu bheil an earrann as sine na pàirt de dh'eaglais nas tràithe, Eaglais Naoimh Mhoire, bhon d' fhuair a' pharaiste a h-ainm (Cille a' ciallachadh caibeal). 'S i tuam tiodhlacaidh Iarlan Chrombaigh.
Tha an sgrìobhadh 'Beigit 1616' air an tùr agus ciad-litrichean agus suaicheantas Sheòrais Rothaich Bhaile Mhuilinn agus a dhàrna mnaoi, Mairead Dunbar. Ann an 1838 bha e ga chleachdadh mar thùr-cluig