Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na h-Innse, Ceann na Creige
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5682
ÀITE
Ceann na Creige
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Albhaidh
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37310
KEYWORDS
cairtean-puist
eaglaisean
Naomh Adhamhnan
clagan
uirsgeulan
aiseagan
Abhainn Spè
stèiseanan
lochan
teàrmainn nàdair
Comann Rìoghail Dìon nan Eun
Insh Church, Kincraig

Air a' chairt-phuist seo chithear Eaglais na h-Innse, Ceann na Creige.

Tha Eaglais Paraiste na h-Innse air cladach Loch na h-Innse. Tha i coisrigte don Naomh Adhamhnan (c625-704), beath-eachdraiche Cholm Chille, agus tha i air a togail air làrach caibeil na bu thràithe air tom craobhach, Tom Eodhnain, no Tom Adhamhnain. Mus tàinig Crìosdaidheachd thatar a' creidsinn gun robh an tom eigheadail seo na àite naomh dha na Draoidhean. 'S e àite aoraidh Crìosdail a th' air a bhith ann bhon t-seachdamh linn.

Buinidh an eaglais do na 1700an. Tha an togalach a th' ann an-diugh bho 1792 le ath-nuadhachaidhean bho 1912 agus 1963.

Am broinn an togalaich tha clag àrsaidh de dh'umha-tilgte a tha bho àm Adhamhnain agus mìos cloiche a bha 's dòcha na amar-baistidh bhon eaglais bu thràithe.

Bhathar a' creidsinn gun robh cumhachdan slànachaidh no draoidheil aig a' chlag. Thugadh e a Pheairt uaireigin ach bha an clag a' sìor-bhualadh 'Tom Eodhain' gus mu dheireadh bhris e air falbh agus dh'itealaich e dhachaigh. An dèidh sin bha e ùine air a cheangal le slabhraidh ri taobh uinneig.

O thùs b' e Coit na h-Innse a bh' air a' bhaile aig ceann a tuath Loch na h-Innse, far an robh aiseag tarsainn Abhainn Spè. Nuair a thàinig an rèile ann an 1863 b' e Coit na h-Innse a bh' air an stèisean (a tha dùinte a-nis) ach thug a' chompanaidh rèile ainm ùr air - Ceann na Creige - ann an 1871 nuair a thogadh an drochaid agus lean am baile seo.

Tha Loch na h-Innse, anns an h-earrannan meadhanach de dh'Abhainn Spè, ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus tha e aithnichte airson spòrsan uisge. Beagan deas air an loch tha Tèarmann Nàdair Boglaich na h-Innse an RSPB, an talamh fliuch as cudromaiche ann am Breatainn agus air fear den fheadhainn as cudromaiche san Roinn Eòrpa. Bidh curracagan, gòbhlanan-mara agus guilbnich a' neadachadh an seo; bidh ealachan fiadhaich agus geòidh ghlas a' tadhal sa gheamhradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na h-Innse, Ceann na Creige

INBHIR NIS: Albhaidh

1900an

cairtean-puist; eaglaisean; Naomh Adhamhnan; clagan; uirsgeulan; aiseagan; Abhainn Spè; stèiseanan; lochan; teàrmainn nàdair; Comann Rìoghail Dìon nan Eun

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection