Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chluanaidh, Cinn a' Ghiuthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5697
ÀITE
Caisteal Chluanaidh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Lagan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37327
KEYWORDS
Bàideanach
ailtireachd
togalach
togalaichean
Cluny Castle, Kingussie

Tha Caisteal Chluanaidh suidhichte 3km an ear air Lagan agus chaidh a thogail ann an 1805 airson Mac a' Phearsain, fear Chluanaidh. Chaidh a' chiad tùr aig Cluainidh Mac a' Phearsain a sgrios le feachdan an Riaghaltais ann an 1746 às dèidh Blàr Chùil Lodair a chionn 's gun tug Cluanaidh Mac a' Phearsain taic do na Seumasaich.

Chaidh poirds ann an stoidhle 'Banrigh Anna' a chur ri aghaidh a' chaisteil ann an 1891, agus ann an 1908, chaidh taobh ùr a chur ri iar-thuath an togalaich.

Anns an leabhar 'Highways and Byways in the Central Highlands' (1948), sgrìobh Pòl Seton Gòrdan gun do dh'fheuch a' bhanrigh ri Caisteal Chluanaidh a cheannach 1847 a rèir beul-aithris na sgìre is i air turas gu oighreachd Àird Mheirgidh. A rèir na sgeulachd cho-dhùin i gun a cheannach mar thoradh air an droch shìde a bh' ann aig an àm.

Ghabh Anndra Carnegie is a bhean Laura an caisteal air mhàl airson naoi samhraidhean aig deireadh an 19mh linn agus dh'fheuch Carnegie ris a' chaisteal a cheannach ach dhiùlt an neach-seilbh a reic agus cheannaich Carnegie Caisteal Sgiobal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chluanaidh, Cinn a' Ghiuthsaich

INBHIR NIS: Lagan

Bàideanach; ailtireachd; togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection