Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chluanaidh, Cinn a' Ghiuthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5698
ÀITE
Caisteal Chluanaidh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Lagan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37328
KEYWORDS
Bàideanach
ailtireachd
togalach
togalaichean
Cluny Castle, Kingussie

Tha Caisteal Chluanaidh suidhichte 3km an ear air Lagan agus chaidh a thogail ann an 1805 airson Mac a' Phearsain, fear Chluanaidh. Chaidh a' chiad tùr aig Cluainidh Mac a' Phearsain a sgrios le feachdan an Riaghaltais ann an 1746 às dèidh Blàr Chùil Lodair a chionn 's gun tug Cluanaidh Mac a' Phearsain taic do na Seumasaich.

Chaidh poirds ann an stoidhle 'Banrigh Anna' a chur ri aghaidh a' chaisteil ann an 1891, agus ann an 1908, chaidh taobh ùr a chur ri iar-thuath an togalaich (air taobh chlì na deilbh seo).

Anns an leabhar 'Highways and Byways in the Central Highlands' (1948), sgrìobh Pòl Seton Gòrdan gun do dh'fheuch a' bhanrigh ri Caisteal Chluanaidh a cheannach 1847 a rèir beul-aithris na sgìre is i air turas gu oighreachd Àird Mheirgidh. A rèir na sgeulachd cho-dhùin i gun a cheannach mar thoradh air an droch shìde a bh' ann aig an àm.

Ghabh Anndra Carnegie is a bhean Laura an caisteal air mhall airson naoi samhraidhean aig deireadh an 19mh linn agus dh'fheuch Carnegie ris a' chaisteal a cheannach ach dhiùlt an neach-seilbh a reic agus cheannaich Carnegie Caisteal Sgiobal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chluanaidh, Cinn a' Ghiuthsaich

INBHIR NIS: Lagan

Bàideanach; ailtireachd; togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection