Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cinn a' Ghiuthsaich bhon Chreig Bhig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5702
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37331
KEYWORDS
Bàideanach
Kingussie from Craig Beg

Is e 'Kingussie from Craig Beg' tiotal na cairt-puist seo. Bu chòir seo a bhith air a' litreachadh mar 'Creag Bheag'. Tha baile Chinn a' Ghiuthsaich mu 70km a deas air Inbhir Nis.

Ro mheadhan/deireadh an 18mh linn b' e am prìomh bhaile san sgìre seo Ruadhainn, air taobh thall Abhainn Spè bho Chinn a' Ghiuthsaich. Bha caisteal air a bhith aig Ruadhainn bhon 14mh linn co-dhiù. Chaidh Gearastan Ruadhainn a thogail na àite ann an 1724 agus chaidh seo a losgadh leis na feachdan Seumasach ann an 1746.

Bha dol sìos Ruadhainn air a ghreasad le togail drochaid tarsainn na Spè aig Ralia a ghabh àite na h-aiseig aig Ruadhainn, agus le co-dhùnadh Diùc Ghòrdain aig deireadh an 18mh linn Cinn a' Ghiuthsaich a shuidheachadh mar ionad dèanamh-clòimhe. Chruthaich Diùc Ghòrdain, leis an robh oighreachd Cheann a ' Ghiuthasaich aig an àm sin, baile dealbhaichte agus chuir e grunn mhuilnean air bhonn - ann an 1799 shanasaich e làraich-togail sa bhaile a bha rin reic ri "Tradesmen, Manufacturers and Shop-keepers who may be inclined to settle there". Cha deach leis an iomairt leasachaidh seo agus cha do dh'fhàs e ach beagan, ach ri linn fosgladh Rèile Inbhir Nis agus Ceangal Pheairt ann an 1863, a bha a' dol tro Chinn a' Ghiuthsaich, thàinig soirbheachadh ùr agus leasachadh dhan bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cinn a' Ghiuthsaich bhon Chreig Bhig

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

Bàideanach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Is e 'Kingussie from Craig Beg' tiotal na cairt-puist seo. Bu chòir seo a bhith air a' litreachadh mar 'Creag Bheag'. Tha baile Chinn a' Ghiuthsaich mu 70km a deas air Inbhir Nis. <br /> <br /> Ro mheadhan/deireadh an 18mh linn b' e am prìomh bhaile san sgìre seo Ruadhainn, air taobh thall Abhainn Spè bho Chinn a' Ghiuthsaich. Bha caisteal air a bhith aig Ruadhainn bhon 14mh linn co-dhiù. Chaidh Gearastan Ruadhainn a thogail na àite ann an 1724 agus chaidh seo a losgadh leis na feachdan Seumasach ann an 1746.<br /> <br /> Bha dol sìos Ruadhainn air a ghreasad le togail drochaid tarsainn na Spè aig Ralia a ghabh àite na h-aiseig aig Ruadhainn, agus le co-dhùnadh Diùc Ghòrdain aig deireadh an 18mh linn Cinn a' Ghiuthsaich a shuidheachadh mar ionad dèanamh-clòimhe. Chruthaich Diùc Ghòrdain, leis an robh oighreachd Cheann a ' Ghiuthasaich aig an àm sin, baile dealbhaichte agus chuir e grunn mhuilnean air bhonn - ann an 1799 shanasaich e làraich-togail sa bhaile a bha rin reic ri "Tradesmen, Manufacturers and Shop-keepers who may be inclined to settle there". Cha deach leis an iomairt leasachaidh seo agus cha do dh'fhàs e ach beagan, ach ri linn fosgladh Rèile Inbhir Nis agus Ceangal Pheairt ann an 1863, a bha a' dol tro Chinn a' Ghiuthsaich, thàinig soirbheachadh ùr agus leasachadh dhan bhaile