Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ruadhainn, Cinn a' Ghiuthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5705
ÀITE
Taigh-feachd Ruadhainn
SGÌRE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37334
KEYWORDS
armailteach
ailtireachd
togalach
togalaichean
Ruthven Castle, Kingussie

Is e 'Ruthven Castle' an tiotal a th' air a' chairt-phuist seo, ach is e Gearastan Ruadhainn a chithear san dealbh. Tha Gearastan Ruadhainn mu 1.1km a deas air Cinn a' Ghiuthsaich. Chaidh Gearastan Ruadhainn a thogail air làrach Caisteal Ruadhainn. Chaidh crìoch a chur air an togalach ann an 1724. Thathar a' creidsinn gun robh an caisteal na dhaingneach aig Cuimeineach Bhàideanaich agus aig Alasdair Stiùbhart, 'Madadh Bhàideanaich'. Fhuair Alasdair Gòrdain, Iarla Hunndaidh, sealbh air a' chaisteil ann an 1451 agus chaidh ath-thogail ann an 1590 le 6mh Iarla Hunndaidh.

Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal is chaidh a losgadh ann an 1689 anns a' chiad Ar-a-mach Seumasach, a bha air a stiùireadh le Iain Greumach, fear Claverhouse, Biocas Dhùn Dèagh. Às dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715, bha an Riaghaltas Hanòbhaireach gu mòr airson an t-arm a neartachadh air a' Ghàidhealtachd. A bharrachd air na gearastain a bh' ann mar-thà ann an Inbhir Nis agus anns a' Ghearasdan, thog an riaghaltas trì gearastain eile: ann an Ruadhainn, ann am Bernara aig beul Ghleann Eilg agus aig Cille Chuimein aig ceann an iar Loch Nis. Chaidh ceathramh gearastan a thogail ann an Inbhir Snàthaid ri taobh Loch Laomainn, air a' phrìomh rathad a-steach don Ghàidhealtachd.

B' e na blocaichean gearastain na togalaichean as àirde anns an dealbh. Bha iad mu choinneimh a' chèile air ceàrnag agus bha rum gu leòr ann airson 120 saighdearan, ged a tha e coltach nach robh Gearastan Ruadhainn riamh làn. Chaidh taigh-faire agus stàball a chur ris a' ghearastan ann an 1734. Chithear an taigh-faire is an stàball air taobh clì na deilbh.

Ann an 1745, dhìon Seàirdeant Molloy agus 12 saighdearan Gearastan Ruadhainn an aghaidh mu 200 Seumasach gu soirbheachail. A dh'aindeoin seo, ge-tà, cha robh dìon aig a' ghearastan an aghaidh làmhachais agus bha seo gu math follaiseach ann an 1746 nuair a thug feachdan làmhachais nan Seumasach ionnsaigh shoirbheachail air Ruadhainn. Losg iad an gearastan. Às dèidh call aig Blàr Chùil Lodair, choinnich feachdan Seumasach aig Ruadhainn 's iad an dùil cumail orra a' sabaid ach dh'iarr Teàrlach Eideard Stiùbhart orra sgaoileadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ruadhainn, Cinn a' Ghiuthsaich

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

armailteach; ailtireachd; togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection