Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Caisteal Ruadh agus an Eaglais Stèidhichte, Drochaid Neithich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5799
ÀITE
Caisteal Ruadh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37436
KEYWORDS
ailtireachd
togalach
togalaichean
Castle Roy and Established Church, Nethy Bridge

'S e daigneach shìmplidh o thràth san 13mh linn a tha sa Chaisteal Ruadh, àite a tha iad den bheachd a bha na dhaingnich aig muinntir Chuimein. An-diugh 's e Eaglais Pharaiste Drochaid Neithich air neo an 'Old Kirk' a th' air an eaglais a tha san dealbh agus air a bheil iad a' cur 'an Eaglais Stèidhichte' air a' chairt, (seann dòigh air Eaglais na h-Alba a ràdh). Chaidh an eaglais a thogail ann an 1762 agus ann an 1872-3 chaidh a leudachadh agus cumadh ùr a chur oirre le A. Marshall MacCoinnich.

Mus tàinig an rèile don bhaile ann an 1863, 's e Obar Neithich a bh' air a' bhaile. Chaidh an t-ainm ùr a chur air, Drochaid Neithich, gus am biodh fios gur e àite diofraichte a bh' ann ris an Obar Neithich eile, far an robh Rèile Mòr Alba a Tuath a' stad mar-thà. Tha an t-ainm Drochaid Neithich a' buntainn don drochaid sa bhaile air a bheil trì boghannan agus a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford. Chaidh an drochaid sin fhosgladh ann an 1806. Dhùin an rèile a bha a' ruith tro Dhrochaid Neithich anns na 1960an.

Bha gnìomhachas an fhiodh na mheadhan aig an eaconamaidh sgìreil san 18mh agus san 19mh linn agus bha grunnan mhuilnean-sàbhaidh san sgìre. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha fireannaich o Bhuidheann Forsaireachd Chanada agus o Nèibhidh Newfoundland ag obair à campaichean ann an Coille Obar Neithich fhad 's a bha iad a' buain 's a' deasachadh chraobhan giuthais Albannach airson cuideachadh leis a' chogadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Caisteal Ruadh agus an Eaglais Stèidhichte, Drochaid Neithich

INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn

ailtireachd; togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e daigneach shìmplidh o thràth san 13mh linn a tha sa Chaisteal Ruadh, àite a tha iad den bheachd a bha na dhaingnich aig muinntir Chuimein. An-diugh 's e Eaglais Pharaiste Drochaid Neithich air neo an 'Old Kirk' a th' air an eaglais a tha san dealbh agus air a bheil iad a' cur 'an Eaglais Stèidhichte' air a' chairt, (seann dòigh air Eaglais na h-Alba a ràdh). Chaidh an eaglais a thogail ann an 1762 agus ann an 1872-3 chaidh a leudachadh agus cumadh ùr a chur oirre le A. Marshall MacCoinnich.<br /> <br /> Mus tàinig an rèile don bhaile ann an 1863, 's e Obar Neithich a bh' air a' bhaile. Chaidh an t-ainm ùr a chur air, Drochaid Neithich, gus am biodh fios gur e àite diofraichte a bh' ann ris an Obar Neithich eile, far an robh Rèile Mòr Alba a Tuath a' stad mar-thà. Tha an t-ainm Drochaid Neithich a' buntainn don drochaid sa bhaile air a bheil trì boghannan agus a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford. Chaidh an drochaid sin fhosgladh ann an 1806. Dhùin an rèile a bha a' ruith tro Dhrochaid Neithich anns na 1960an. <br /> <br /> Bha gnìomhachas an fhiodh na mheadhan aig an eaconamaidh sgìreil san 18mh agus san 19mh linn agus bha grunnan mhuilnean-sàbhaidh san sgìre. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha fireannaich o Bhuidheann Forsaireachd Chanada agus o Nèibhidh Newfoundland ag obair à campaichean ann an Coille Obar Neithich fhad 's a bha iad a' buain 's a' deasachadh chraobhan giuthais Albannach airson cuideachadh leis a' chogadh