Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bruthach a' Mhansa, Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5830_AT
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
37468
KEYWORDS
creideamh
naoimh
The Manse Brae, Rosemarkie

Bha Ros Maircnidh na àite cudromach anns na ciad bhliadhnaichean dhen Eaglais Chruithnich. Chaidh eaglais ann an Ros Maircnidh, aig an robh ceanglaichean ris an Naomh Moluag (bh.592), a h-ùrachadh anns an ochdamh linn leis an Naomh Curetán air an robh cuideachd Naomh Boniface. Tha cudrom Ros Maircnidh do chultar nan Cruithneach furasta aithneachadh le na clachan-snaidhte Cruithneach a chaidh a lorg faisg air cladh a' bhaile. Chithear na lorgaidhean seo ann an taigh-tasgaidh a' Ghroam, Ros Maircnidh.

Chaidh a' chiad chathair-eaglais de sgìr-easbaig Rois a stèidheachadh ann an 1124 ann an Ros Maircnidh, le Daibhidh I Rìgh na h-Alba. Thogadh cathair-eaglais ùr anns a' Chananaich ann am meadhan an tritheamh linn deug, agus chaidh làrach cathair-eaglais Rois a chur an sin. Thogadh an Eaglais Paraiste a th' ann an-diugh aig Ros Maircnidh ann an 1821 air làrach na cathair-eaglais a bh' ann bho thùs.

Chaidh Ros Maircnidh a chomharrachadh mar Bhaile Rìoghail tràth anns an tritheamh linn deug, urram a fhuair a' Chananaich cuideachd ann an 1455

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bruthach a' Mhansa, Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

creideamh; naoimh

Am Baile

Bha Ros Maircnidh na àite cudromach anns na ciad bhliadhnaichean dhen Eaglais Chruithnich. Chaidh eaglais ann an Ros Maircnidh, aig an robh ceanglaichean ris an Naomh Moluag (bh.592), a h-ùrachadh anns an ochdamh linn leis an Naomh Curetán air an robh cuideachd Naomh Boniface. Tha cudrom Ros Maircnidh do chultar nan Cruithneach furasta aithneachadh le na clachan-snaidhte Cruithneach a chaidh a lorg faisg air cladh a' bhaile. Chithear na lorgaidhean seo ann an taigh-tasgaidh a' Ghroam, Ros Maircnidh.<br /> <br /> Chaidh a' chiad chathair-eaglais de sgìr-easbaig Rois a stèidheachadh ann an 1124 ann an Ros Maircnidh, le Daibhidh I Rìgh na h-Alba. Thogadh cathair-eaglais ùr anns a' Chananaich ann am meadhan an tritheamh linn deug, agus chaidh làrach cathair-eaglais Rois a chur an sin. Thogadh an Eaglais Paraiste a th' ann an-diugh aig Ros Maircnidh ann an 1821 air làrach na cathair-eaglais a bh' ann bho thùs.<br /> <br /> Chaidh Ros Maircnidh a chomharrachadh mar Bhaile Rìoghail tràth anns an tritheamh linn deug, urram a fhuair a' Chananaich cuideachd ann an 1455