Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Ùge, bho os cionn na h-eaglaise, An t-Eilean Sgitheanach.
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5838
ÀITE
Ùige
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37476
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
oirthir
eaglais
gòrlais
Tùr Fhriseil
Eaglais Shaor
Uig Bay from above the church, Isle of Skye

Tha Bàgh Ùige, air taobh an iar Rubha Thròndairnis ann an ceann a tuath An Eilean Sgitheanaich, san dealbh seo a’ coimhead chun an iar-dheas seachad air Rubha Chorachain gu Rubha Bhatrairnis nas fhaide air falbh. Chaidh an Eaglais Shaor air an làimh dheis, le a tùr sònraichte, a thogail ann an 1847 air làrach follaiseach a’ coimhead thar na coimhearsnachd. An-diugh, ‘s e Taigh-òsta Ùige a th’ anns an taigh mòr gu clì air an sin agus tha Gòrlais Fhriseil, tùr air cumadh druma a chaidh a thogail anns na 1860an leis an uachdaran aig an àm, Caiptean Friseal, san achadh mu choinneamh.

‘S e port beag iasgaich a th’ ann an Ùige agus bha cidhe an seo ro 1840, agus chaidh a leudachadh gu mòr ann an 1894 aig cosgais £9000. Tràth anns an 20mh linn bha bàtaichean-smùide air an slighe eadar Glaschu agus Steòrnabhagh a’ stad gu riaghailteach ann an Ùige, agus ann an 1964 thòisich Caledonian Mac a’ Bhruthainn air seòlaidhean riaghailteach dha Na Hearadh agus Uibhist a Tuath, agus a tha fhathast ann an-diugh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Ùge, bho os cionn na h-eaglaise, An t-Eilean Sgitheanach.

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1920an; 1930an

seallaidhean-tìre; oirthir; eaglais; gòrlais; Tùr Fhriseil; Eaglais Shaor

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha Bàgh Ùige, air taobh an iar Rubha Thròndairnis ann an ceann a tuath An Eilean Sgitheanaich, san dealbh seo a’ coimhead chun an iar-dheas seachad air Rubha Chorachain gu Rubha Bhatrairnis nas fhaide air falbh. Chaidh an Eaglais Shaor air an làimh dheis, le a tùr sònraichte, a thogail ann an 1847 air làrach follaiseach a’ coimhead thar na coimhearsnachd. An-diugh, ‘s e Taigh-òsta Ùige a th’ anns an taigh mòr gu clì air an sin agus tha Gòrlais Fhriseil, tùr air cumadh druma a chaidh a thogail anns na 1860an leis an uachdaran aig an àm, Caiptean Friseal, san achadh mu choinneamh.<br /> <br /> ‘S e port beag iasgaich a th’ ann an Ùige agus bha cidhe an seo ro 1840, agus chaidh a leudachadh gu mòr ann an 1894 aig cosgais £9000. Tràth anns an 20mh linn bha bàtaichean-smùide air an slighe eadar Glaschu agus Steòrnabhagh a’ stad gu riaghailteach ann an Ùige, agus ann an 1964 thòisich Caledonian Mac a’ Bhruthainn air seòlaidhean riaghailteach dha Na Hearadh agus Uibhist a Tuath, agus a tha fhathast ann an-diugh.<br />