Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile croitearachd faisg air Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5849
ÀITE
An Dìg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37484
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
croitean
taigheadas
taighean tughaidh
cruachan mòna
An Cuith-fhraing
Crofters' township near Flodigarry, Skye

Tha baile Na Dìge gu tuath air Bàgh Stafainn,air taobh an ear an Eilean Sgitheanaich. Tha am baile seo, cuide ri Glas Bheinn agus Brògaig, a’ cur aghaidh ri farsaingeachd Bàgh Stafainn agus air an cùlaibh tha cnuic gharbha a’ Chuidh-fhraing agus Druim Thròndairnis a’ cruthacadh sealladh gu tur eadar-dhealaichte. Tha an dealbh-camara seo a’ sealltainn achaidhean a’ bhaile croitearachd a tha air an deagh choimhead as an dèidh agus ann an deagh òrdugh, le bàrr air a bhuain agus mòine ann an cruachan deiseil airson a’ gheamhraidh. Tha an sgìre mun cuairt air Stafainn a’ gleidheadh barrachd den chultair Gàidhlig traidiseanta agus a’ Ghàidhlig na tha cuid de cheàrnaidhean eile den Eilean Sgitheanach, agus aig an aon àm tha e fàbharach airson leasachadh taigheadais air sgàth nan seallaidhean àlainn de Rònaigh, A’ Chomraich agus Toirbheartan chun an ear. Tha daoine fhathast a’ fuireach anns na taighean croite san dealbh (2012), ach ‘s fhada bho dh’fhalbh an tughadh agus chan eil feum air na cruachan mòna tuilleadh airson teas riatanach a thoirt.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile croitearachd faisg air Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1930an

seallaidhean-tìre; croitean; taigheadas; taighean tughaidh; cruachan mòna; An Cuith-fhraing

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection