Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Easan Plodda, Srath Ghlais, A' Mhanachainn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5873
ÀITE
Srath Ghlais
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37503
KEYWORDS
Gleann Aifrig
sealbhadaireachd-fhearainn
Plodda Falls, Strathglass, Beauly

Tha Easan Plodda mu 5 cil taobh an ear thuath air Tomaich.

Cheannaich an Ridire Dudley Coutts Marjoribanks, a' chiad Mhorair Tweedmouth, Oighreachd Ghuiseachan ann an 1854 agus stèidhich e Tomaich mar bhaile na h-oighreachd anmoch anns an 19mh linn. Chaidh Taigh Ghuiseachan 2.7 cil an iar dheas air Tomaich a leasachadh agus a leudachadh gu mòr leis a' Mhorair Tweedmouth mu 1860 ach 's e tobhta a th' ann an-diugh. Dh'àraich am Morair Tweedmouth a' chiad Golden Retrievers aig Guiseachan. Tha carragh don Mhorair Tweedmouth agus a bhean Iseabail ann am baile Tomaich.

Thàinig atharrachadh mòr dhan sgìre nuair a thòisich Sgeama Dealan-uisge Aifrig agus na Manachainn anmoch anns na 1940an. B' e Tomaich am baile a bu mhotha anns an sgìre gus an do thòisich an sgeama-dealain nuair a chaidh Canaich a chomharrachadh mar am prìomh champ airson luchd-obrach. Bha 2000 neach-obrach an Hydro a' fuireach ann am baile beag Chanaich aig an àm a bu thrainge den sgeama-togail. Uile gu lèir, bha sia stèiseanan-dealain, sia damaichean agus mòran thunailean anns an sgeama nuair a bha e deiseil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Easan Plodda, Srath Ghlais, A' Mhanachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

Gleann Aifrig; sealbhadaireachd-fhearainn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha Easan Plodda mu 5 cil taobh an ear thuath air Tomaich.<br /> <br /> Cheannaich an Ridire Dudley Coutts Marjoribanks, a' chiad Mhorair Tweedmouth, Oighreachd Ghuiseachan ann an 1854 agus stèidhich e Tomaich mar bhaile na h-oighreachd anmoch anns an 19mh linn. Chaidh Taigh Ghuiseachan 2.7 cil an iar dheas air Tomaich a leasachadh agus a leudachadh gu mòr leis a' Mhorair Tweedmouth mu 1860 ach 's e tobhta a th' ann an-diugh. Dh'àraich am Morair Tweedmouth a' chiad Golden Retrievers aig Guiseachan. Tha carragh don Mhorair Tweedmouth agus a bhean Iseabail ann am baile Tomaich.<br /> <br /> Thàinig atharrachadh mòr dhan sgìre nuair a thòisich Sgeama Dealan-uisge Aifrig agus na Manachainn anmoch anns na 1940an. B' e Tomaich am baile a bu mhotha anns an sgìre gus an do thòisich an sgeama-dealain nuair a chaidh Canaich a chomharrachadh mar am prìomh champ airson luchd-obrach. Bha 2000 neach-obrach an Hydro a' fuireach ann am baile beag Chanaich aig an àm a bu thrainge den sgeama-togail. Uile gu lèir, bha sia stèiseanan-dealain, sia damaichean agus mòran thunailean anns an sgeama nuair a bha e deiseil