Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh a' Phump, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5877
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37508
KEYWORDS
ailtearachd
togalach
togalaichean
spòrs
slàinte
Strathpeffer Pump House

Chithear an Rùm Pumpa ann am baile beag Srath Pheofhair anns a' chairt-phuist seo. Tha portica glainne mòr a' ruith timcheall an togalaich chloiche le dà thùr, aon dhiubh ag èirigh gu stob agus cloc anns an fhear eile.

Tha Srath Pheofhair na laighe 4 mìle (6 cil) taobh an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofhair. Dh'fhàs e a thaobh meud agus cliù air sàillibh fuarain pronnaisg a lorgadh an sin anns na 1770an. Dhearbh an Dotair Moireasdan à Siorrachd Obar Dheathain cho math don bhothaig 's a bha na h-uisgeachan aig toiseach an 19mh linn agus air sgàth a thagradh chaidh a' chiad rùm pumpa fiodha a thogail ann an 1819. Bha e na sheasamh ann an ceàrnaig a' bhaile gus am b' urrainn do luchd-tadhail na h-uisgeachan a ghabhail ann an diofar dhòighean. An toiseach bha siuga no dhà ann airson na h-uisgeachan òl agus tubaichean bunaiteach copair. Ann an 1861 chaidh rùm pumpa daingeann cloiche a thogail an àite an togalaich fhiodha agus chaidh amair ùra a chur ris ann an 1871 le 'Tubaichean nam Ban' air an togail deich bliadhna an dèidh sin.

Chaidh Srath Pheofhair a leasachadh, le taic làidir bhon a' Bhan-iarla Cromba, mar bhaile spà Bhioctorianach, rud a chaidh a chuideachadh gu mòr nuair a chaidh an rathad-iarainn a leasachadh gu Srath Pheofhair mar phàirt de rathad iarainn Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Chaidh iomadh taigh-òsta spàideil agus taigh mòr Bhioctorianach a thogail do luchd-turais a thàinig nan ceudan gus na h-uisgeachan a ghabhail. Le na goireasan ùra seo bha e a' ciallachadh gum b' urrainn Srath Pheofhair farpais an aghaidh nam bailtean spà eile ann am Breatainn agus san Roinn Eòrpa. 'S e àite taitneach do luchd-turais a bh' anns a' bhaile suas gu àm a' Chiad Chogaidh ach chrìon e an dèidh sin.

Chaidh an spà fhèin agus am prìomh Rùm Pumpa a leagail anns na 1950an ach tha an Àrd Rùm Pumpa a bha ri taobh a' phàillein fhathast ann. Tha taisbeanadh ann an-diugh a tha a' sealltainn eachdraidh leasachadh an spà

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh a' Phump, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

ailtearachd; togalach; togalaichean; spòrs; slàinte

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection