Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geata Cuimhneachain Cogaidh Fothraitidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5885
ÀITE
Fothraitidh
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37518
KEYWORDS
carragh cuimhne
Fodderty War Memorial Gate

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Carragh-cogaidh Srath Pheofhair agus an Sgìre aig an rathad a-steach do Chladh Fothraitidh. Tha baile beag Srath Pheofhair ann an sgìre Fothraitidh na laighe 4 mìle (6 cil) an iar air Inbhir Pheotharain ann an srath Abhainn Pheofhair.

Chaidh an carragh-cogaidh a chomharrachadh air an 11mh den t-Samhain 1933 mar urram do dh'fhireannaich na sgìre a chaochail anns a' Chogadh Mhòr. Tha na faclan 'To the glory of God. In remembrance' air an snaidheadh anns a' chloich os cionn a' gheata don chladh agus air an làmh chlì agus air an làmh dheis den airse tha na deitichean 1914 agus 1918 agus na faclan 'Pro patria' agus 'Pro rege'. S e 'In piam memoriam 1918' a th' air na geatachan meatailte aig taobh a' chladh agus tha na faclan 'Freedom' agus 'Peace' air na prìomh gheatachan. Tha 'Highland memory is long for Highland love is strong' air an snaidheadh air an airse air an taobh a-staigh. Tha dealbh clàrsaich air a snaidheadh air taobh eile na h-airse le sgrìobhadh Gàidhlig a' moladh nam fireannach aig an robh gaisge às leth dhaoine eile. Chaidh na deitichean 1939 agus 1945 a chur ri na colbhan air gach taobh dhen phrìomh airse na b' fhaide air adhart mar chuimhneachan air na fir a chaochail anns an Dara Cogadh.

B' e toiseach a' Chogaidh Mhòir aon de na prìomh adhbharan airson crìonadh Srath Pheofhair mar spà do luchd-turais. Bha teas uabhasach anns a' bhaile ann an samhradh 1914 ach nuair a chaidh Cogadh a ghairm anns an Lùnastal chaidh raith nan cearcan-fraoich a chur dheth agus bhàsaich malairt gu math luath. Chaidh mòran de na taighean-òsta a ghabhail os làimh le na Seirbheisean. Chaidh stad a chur air seirbheis an rathad-iarainn agus chaidh am Pàillean spà atharrachadh gu bhith na ospàdal nèibhi. Dh'fhàs Srath Pheofhair airson greis a-rithist an dèidh a' Chogaidh Mhòir ach cha b' ann chun na h-ìre a chleachd e

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geata Cuimhneachain Cogaidh Fothraitidh

ROS: Fothraitidh

carragh cuimhne;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Carragh-cogaidh Srath Pheofhair agus an Sgìre aig an rathad a-steach do Chladh Fothraitidh. Tha baile beag Srath Pheofhair ann an sgìre Fothraitidh na laighe 4 mìle (6 cil) an iar air Inbhir Pheotharain ann an srath Abhainn Pheofhair.<br /> <br /> Chaidh an carragh-cogaidh a chomharrachadh air an 11mh den t-Samhain 1933 mar urram do dh'fhireannaich na sgìre a chaochail anns a' Chogadh Mhòr. Tha na faclan 'To the glory of God. In remembrance' air an snaidheadh anns a' chloich os cionn a' gheata don chladh agus air an làmh chlì agus air an làmh dheis den airse tha na deitichean 1914 agus 1918 agus na faclan 'Pro patria' agus 'Pro rege'. S e 'In piam memoriam 1918' a th' air na geatachan meatailte aig taobh a' chladh agus tha na faclan 'Freedom' agus 'Peace' air na prìomh gheatachan. Tha 'Highland memory is long for Highland love is strong' air an snaidheadh air an airse air an taobh a-staigh. Tha dealbh clàrsaich air a snaidheadh air taobh eile na h-airse le sgrìobhadh Gàidhlig a' moladh nam fireannach aig an robh gaisge às leth dhaoine eile. Chaidh na deitichean 1939 agus 1945 a chur ri na colbhan air gach taobh dhen phrìomh airse na b' fhaide air adhart mar chuimhneachan air na fir a chaochail anns an Dara Cogadh. <br /> <br /> B' e toiseach a' Chogaidh Mhòir aon de na prìomh adhbharan airson crìonadh Srath Pheofhair mar spà do luchd-turais. Bha teas uabhasach anns a' bhaile ann an samhradh 1914 ach nuair a chaidh Cogadh a ghairm anns an Lùnastal chaidh raith nan cearcan-fraoich a chur dheth agus bhàsaich malairt gu math luath. Chaidh mòran de na taighean-òsta a ghabhail os làimh le na Seirbheisean. Chaidh stad a chur air seirbheis an rathad-iarainn agus chaidh am Pàillean spà atharrachadh gu bhith na ospàdal nèibhi. Dh'fhàs Srath Pheofhair airson greis a-rithist an dèidh a' Chogaidh Mhòir ach cha b' ann chun na h-ìre a chleachd e