Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Chleireach Aonaichte An Tairbeirt, Port Mo Cholmaig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5889
ÀITE
Port Mo Cholmaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Tairbeart
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37522
KEYWORDS
ailtearachd
togalach
togalaichean
creideamh
Tarbat U.F. Church, Portmahomack

'S e 'Tarbat U.F. Church, Portmahomack' an tiotal air a' chairt-phuist seo. Tha Eaglais Chleireach Aonaichte an Tairbeairt, a chaidh a thogail le Anndra Maitland & Mic ann an 1908, suidhichte far na Prìomh Shràid agus 's e Eaglais Paraiste an Tairbeairt a th' oirre an-diugh. Thog Anndra Maitland & a Mhic Eaglais Shaor an Tairbeairt air a' Phrìomh Shràid eadar 1892-3.

Chaidh seann eaglais Paraiste An Tairbeairt (air a bheil cuideachd an t-ainm Eaglais an Naoimh Cholmain) a thogail airson a' chuid as motha ann an 1756. 'S i an tè mu dheireadh ann an sreath de shia eaglaisean a chaidh a thogail air an làrach seo leis an tè a bu thràithe a' dol air ais chun an ochdamh linn. Tha taigh-tasgaidh a-nis ann an Seann Eaglais Paraiste An Tairbeairt a tha ag innse sgeulachd nan Cruithneach anns an sgìre.

'S e an Ridire Seòras MacCoinnich, Biocas an Tairbeairt agus a' Chiad Iarla Chrombaidh (1630 - 1714) a thog cidhe aig Port Mo Cholmaig ann an 1698. Chaidh an acarsaid a th' ann an-diugh a thogail eadar 1813 agus 1816 le Tòmas Telford agus thug e buaidh air Port Mo Cholmaig a' fàs mar bhaile. Tha dà thaigh-stòir os cionn na h-acarsaid. Chaidh a' chiad fhear a thogail ann an 1699 le Alexander Stronach agus chaidh an dara fear a thogail ann an 1779

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Chleireach Aonaichte An Tairbeirt, Port Mo Cholmaig

ROS: Tairbeart

ailtearachd; togalach; togalaichean; creideamh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e 'Tarbat U.F. Church, Portmahomack' an tiotal air a' chairt-phuist seo. Tha Eaglais Chleireach Aonaichte an Tairbeairt, a chaidh a thogail le Anndra Maitland & Mic ann an 1908, suidhichte far na Prìomh Shràid agus 's e Eaglais Paraiste an Tairbeairt a th' oirre an-diugh. Thog Anndra Maitland & a Mhic Eaglais Shaor an Tairbeairt air a' Phrìomh Shràid eadar 1892-3.<br /> <br /> Chaidh seann eaglais Paraiste An Tairbeairt (air a bheil cuideachd an t-ainm Eaglais an Naoimh Cholmain) a thogail airson a' chuid as motha ann an 1756. 'S i an tè mu dheireadh ann an sreath de shia eaglaisean a chaidh a thogail air an làrach seo leis an tè a bu thràithe a' dol air ais chun an ochdamh linn. Tha taigh-tasgaidh a-nis ann an Seann Eaglais Paraiste An Tairbeairt a tha ag innse sgeulachd nan Cruithneach anns an sgìre. <br /> <br /> 'S e an Ridire Seòras MacCoinnich, Biocas an Tairbeairt agus a' Chiad Iarla Chrombaidh (1630 - 1714) a thog cidhe aig Port Mo Cholmaig ann an 1698. Chaidh an acarsaid a th' ann an-diugh a thogail eadar 1813 agus 1816 le Tòmas Telford agus thug e buaidh air Port Mo Cholmaig a' fàs mar bhaile. Tha dà thaigh-stòir os cionn na h-acarsaid. Chaidh a' chiad fhear a thogail ann an 1699 le Alexander Stronach agus chaidh an dara fear a thogail ann an 1779