Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-solais Rubha Thairbeirt, Port Mo Cholmaig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5890
ÀITE
Port Mo Cholmaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Tairbeart
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37523
KEYWORDS
ailtearachd
togalach
togalaichean
Tarbatness Lighthouse, Portmahomack

Thòisich Taigh-solais Rubha an Tairbeairt a tha 4.5 cil an ear-thuath air Port Mo Cholmaig, ag obair air an 26mh den Fhaoilleach 1830. Thogadh e an dèidh do shia-deug a bhàtaichean a dhol a dhìth ann an stoirm ann an Linne Mhoireibh san t-Samhain 1826.

Chaidh Taigh-solais Rubha an Tairbeairt a dhealbhadh le Raibeart Stevenson agus chaidh Seumas Mac a' Ghobhainn à Inbhir Nis fhastadh gus a thogail. Chaidh na bothain an luchd-gleidhidh a tha ri taobh an taigh-solais a dhealbhadh le Stevenson cuideachd. Chaidh an taigh-solais le na bannan dearga shònraichte a bhios soithichean ag aithneachadh aig muir, atharrachadh gus an obraicheadh le innealan ann an 1985. Tha an lionsa agus na h-innealan a bh' ann o thùs a-nis rim faicinn ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na Mara ann an Greenwich.

'S e a' chiad innleadair bhon teaghlach Stevenson a bh' ann an Raibeart. Dh'obraich e an toiseach do Bhòrd nan Taighean-solais a Tuath ann an 1794 agus chaidh fhastadh mar am prìomh innealadair ann an 1808, obair a bh' aige gu 1842. Dhealbhaich e 15 prìomh thaighean-solais don Bhòrd leis an taigh-solais eagalach Bell Rock nam measg.

A rèir beul-aithris na sgìre, bha dùn Ròmanach fann far a bheil an taigh-solais, agus na b' anmoiche bha an làrach air a chleachdadh airson cruinneachaidhean de bana-bhuidsichean. Tha Rubha Thairbeirt cuideachd na àite sònraichte airson a bhith faicinn nan eun a bhios ag imrich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-solais Rubha Thairbeirt, Port Mo Cholmaig

ROS: Tairbeart

ailtearachd; togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection