Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoil Phobalch, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5895
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
AITHNEACHADH MAOINE
37528
KEYWORDS
Sgìre Rois is Chrombaidh
ailtireachd
togalach
toglaichean
Public School, Tain

Tha Sgoil Phoblach Bhaile Dhubhthaich, air a bheil a-nis Bun-sgoil A' Chnuic Bhric, air Sràid Ankerville. Chaidh an togalach a dhealbhadh le Anndra Maitland & a Mhic agus a thogail ann an 1877. B' i Sgoil Phoblach Bhaile Dhubhthaich an aon bhun-sgoil sa bhaile gus an do dh'fhosgail gàrradh-ola Neig anns na 1970an. Ri linn 's mar a dh'fhàs àireamh an t-sluaigh dh'fhosgail sgoil eile ann am Baile Dhubhthaich agus thugadh Sgoil a' Chnuic Bhric air an Sgoil Phoblaich.

Bha Baile Dhubhthaich na ionad cudromach do thaistealaichean sna meadhan linntean a bha a' tadhal air dust an Naoimh Dhubhthaich, a rugadh ann am Baile Dhubhthaich mu 100 AD. Gu dearbh, tha am baile air ainmeachadh air an Naomh Dubhthach. Bha dust an Naoimh Dhubhthaich an toiseach ann an caibeal bhon 13mh linn air a' mhachair air iomall Bhaile Dhubhthaich, ach chaidh a ghluasad a-rithist gu àite air a bheil an-diugh Eaglais Cholaisteach an Naoimh Dhubhthaich.

Bha comhan an Naoimh Dhubhthaich cuideachd na comraich. Bha a' chomraich, ris an canar 'Girth' Bhaile Dhubhthaich, cho mòr ri aon dusan mìle ceàrnagach agus fo dhìon na h-eaglais. Shir bean, nighean agus piuthar Raibeairt Bhrus comraich an sin ann an 1306, ach chaidh an glacadh agus an toirt seachad do fheachdan Sasannach le Uilleam, Iarla Rois.

Rinn Rìgh Seumas IV na h-Alba co-dhiù 18 taistealan gu comhan an Naoimh Dhubhthaich eadar 1493 agus 1513. Gun teagamh thog iad sin inbhe an àite agus anmoch sna meadhan linntean bha comhan an Naoimh Dhubhthaich air aon de na h-àitean as motha air an robhar a' dèanamh taisteal ann an Alba. Sguir an cleachdadh a bhith a' dèanamh taisteal a Bhaile Dhubhthaich agus a chomhanan eile an dèidh an Ath-leasachaidh ann an 1560.

Gu tric thathar a' cumail a-mach gun deach Baile Dhubhthaich a ghairm na bhorgh rìoghail le Calum a' Chinn Mhòir ann an 1066, ged a chaidh a' chòir-sgrìobhte as tràithe a tha maireann a bhuileachadh le Seumas VI ann an 1587

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoil Phobalch, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

Sgìre Rois is Chrombaidh; ailtireachd; togalach; toglaichean

Highland Libraries' Postcard Collection