Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais U. F., Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5903
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
AITHNEACHADH MAOINE
37536
KEYWORDS
Sgìre Rois is Chrombaidh
ailtireachd
creideamh
ailtire
ailtirean
U.F. Church, Tain

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn na h-Eaglaise Saoire Aonaichte ann am Baile Dhubhthaich, air a bheil Eaglais Paraiste Bhaile Dhubhthaich a-nis.

Chaidh an togalach 'Italianate' seo a thogail ann an 1891-92 agus chaidh a dhealbhadh le Anndra Maitland & a Mhic. Stèidhich Anndra Maitland à Baile Cheith, Siorrachd Bhainbh, an oifis ailtireachd aige ann am Baile Dhubhthaich ann an 1842. Chaidh ainm a' ghnìomhachais atharrachadh gu Anndra Maitland & a Mhic nuair a thàinig Seumas agus Anndra, dithis mhac Mhaitland, a-steach dhan chompanaidh. Dhealbhaich Anndra Maitland an Taigh-òsta Rìoghail ann am Baile Dhubhthaich cuideachd agus na bùthan le stuadhan air stoidhle Tudorach air Àrd-shràid Bhaile Dhubhthaich.

Bha Baile Dhubhthaich na ionad cudromach do thaistealaichean sna meadhan linntean a bha a' tadhal air dust an Naoimh Dhubhthaich, a rugadh ann am Baile Dhubhthaich mu 100 AD. Gu dearbh, tha am baile air ainmeachadh air an Naomh Dubhthach. Bha dust an Naoimh Dhubhthaich an toiseach ann an caibeal bhon 13mh linn air a' mhachair air iomall Bhaile Dhubhthaich, ach chaidh a ghluasad a-rithist gu àite air a bheil an-diugh Eaglais Cholaisteach an Naoimh Dhubhthaich.

Bha comhan an Naoimh Dhubhthaich cuideachd na comraich. Bha a' chomraich, ris an canar 'Girth' Bhaile Dhubhthaich, cho mòr ri aon dusan mìle ceàrnagach agus fo dhìon na h-eaglais. Shir bean, nighean agus piuthar Raibeairt Bhrus comraich an sin ann an 1306, ach chaidh an glacadh agus an toirt seachad do fheachdan Sasannach le Uilleam, Iarla Rois.

Rinn Rìgh Seumas IV na h-Alba co-dhiù 18 taistealan gu comhan an Naoimh Dhubhthaich eadar 1493 agus 1513. Gun teagamh thog iad sin inbhe an àite agus anmoch sna meadhan linntean bha comhan an Naoimh Dhubhthaich air aon de na h-àitean as motha air an robhar a' dèanamh taisteal ann an Alba. Sguir an cleachdadh a bhith a' dèanamh taisteal a Bhaile Dhubhthaich agus a chomhanan eile an dèidh an Ath-leasachaidh ann an 1560.

Gu tric thathar a' cumail a-mach gun deach Baile Dhubhthaich a ghairm na bhorgh rìoghail le Calum a' Chinn Mhòir ann an 1066, ged a chaidh a' chòir-sgrìobhte as tràithe a tha maireann a bhuileachadh le Seumas VI ann an 1587

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais U. F., Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

Sgìre Rois is Chrombaidh; ailtireachd; creideamh; ailtire; ailtirean

Highland Libraries' Postcard Collection