Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabharlann Phoblach, Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5909_JG
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
8 An Dàmhair 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
37546
KEYWORDS
ailtireachd
togalach
togalaichean
Public Library, Thurso

An-diugh na leabharlann air Caolshràid MhicDhaibhidh, b' e sgoil do ghillean a bha san togalach seo an toiseach. B' e am 'Miller Institution' a bh' air, agus a-rithist Acadamaidh Miller.

Chaidh Institiùd Miller a thogail eadar 1859 agus 1862, agus chaidh a chur air bhonn le Alasdair Mac a' Mhuilleir, fear à Inbhir Theòrsa a bha na neach-malairt sa bhaile mus do thionndaidh e gu tuathanachas. Thàinig dìleab mhòr gu Mac a' Mhuilleir o bhràthair a phàrant, a bha na neach-malairt ann an Ameireaga a Deas. Chleachd e cuid den airgead seo gus an stèidhicheadh e an t-Institiùd. Bha co-iar-ogha dha, an t-Urr Dr Alasdair Mac a' Mhuilleir den Eaglais Aonaichte Shaor a Deas ann am Bucaidh, Siorrachd Bhanbh, cuideachd na neach-fhialaidh a' toirt maoin don Institiùd.

Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' a dhealbh, an cois borgh nam meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais.

Thòisich togail a' bhaile ùir seo, agus Caolshràid MhicDhaibhidh na phàirt dheth, mu 1800. Chaidh na sràidean an càradh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabharlann Phoblach, Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

2000an

ailtireachd; togalach; togalaichean;

Am Baile

Highland Libraries Past & Present