Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Cogaidh, Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5910
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37547
KEYWORDS
snaidheadh
carragh-cuimhne
War Memorial, Thurso

Na shuidhe ann an Ceàrnag Sir John, chaidh Carragh-cuimhne cogaidh Inbhir Theòrsa a dheilbh le Percy Portsmouth, ann an 1922. Tha an ìomhaigh umha a' sealltainn Buaidh, agus a làmh na laighe air ceann gille beag, a' riochdachadh Sìth.

Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' air a dhealbh, an cois borgh bho na meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais. 'S ann air an 'Sir John' seo a tha ceàrnag a' charraigh-cuimhne air ainmeachadh.

Thòisich togail a' bhaile ùir seo mu 1800. Chaidh na sràidean a dhealbh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Cogaidh, Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

snaidheadh; carragh-cuimhne

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Na shuidhe ann an Ceàrnag Sir John, chaidh Carragh-cuimhne cogaidh Inbhir Theòrsa a dheilbh le Percy Portsmouth, ann an 1922. Tha an ìomhaigh umha a' sealltainn Buaidh, agus a làmh na laighe air ceann gille beag, a' riochdachadh Sìth.<br /> <br /> Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' air a dhealbh, an cois borgh bho na meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais. 'S ann air an 'Sir John' seo a tha ceàrnag a' charraigh-cuimhne air ainmeachadh.<br /> <br /> Thòisich togail a' bhaile ùir seo mu 1800. Chaidh na sràidean a dhealbh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants"