Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Fearann na Peighinn, Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5914
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37552
KEYWORDS
togalach
togalaichean
Pennyland House, Thurso

Sa chairt-phuist seo chithear Taigh Fearann na Peighinn, taigh-tuathanais o thràth san 19mh linn, air rathad Dhùin Rath, Inbhir Theòrsa.

Rugadh Sir Uilleam Alasdair Mac a' Ghobhainn, am fear a stèidhich Bragàd nam Balach, ann an Taigh Fearann na Peighinn am 27mh Dàmhair 1854. Na bhalach bhiodh Uilleam Mac a' Ghobhainn a' dol do Institiùd Mac a' Mhuilleir ann an Inbhir Theòrsa, gus an do bhàsaich athair ann an 1869, nuair a ghluais an teaghlach a Ghlaschu. Chaidh e dhan sgoil greiseag ann an Glaschu mus do thòisich e ag obair, aig aois còig deug, na chlèireach ann an gnothachas bathair uncail.

Aig aois 19 chaidh e a-steach do Luchd Saor-thoileach Raidhfil Siorrachd Lannraig agus bha e cuideachd na bhall ann an Eaglais na Colaiste Saoire an ceann an iar Ghlaschu. Thòisich e a' teagasg Sgoil-Shàbaid aig Misean Woodside a Tuath agus b' ann aig an Sgoil-Shàbaid sin a thachair a' chiad choinneamh aige de Bhragàd nam Balach an 4mh Dàmhair 1883. Thuirt Mac a' Ghobhainn gur e amasan a' Bhragàid "(to) devise something that would appeal to a boy on the heroic side of his nature - something that would let him see that in the service of God there is as much scope for all that is brave and true and manly as in the service of King and Country".

Chaidh ridireachd a chur air Mac a' Ghobhainn ann an 1909 airson obair le Bragàd nam Balach. Bhàsaich e ann an 1914 agus chaidh a thiodhlacadh ann an Glaschu

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Fearann na Peighinn, Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

togalach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection