Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Donnchadh Forbes
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_02
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
1843
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Ewen Weatherspoon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
377
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan-neach
pròbhaistean
Ailig MacAonghais
Cill Bheathain
Cùil Lodair
Iarla Mhoireibh
Clann Mhic an Tòisich
Duncan Forbes

'S e an dealbh seo an dealbh as sine de phròbhaist a bh' air Inbhir Nis. 'S e dealbh, leth-bhreac, le Ailig MacAonghais ann an 1843, de Dhonnchadh Forbes a bha na phròbhaist eadar 1625 agus 1627 a th' ann. Tha i a' ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.

B' e marsanta ann an Inbhir Nis a bha ann an Donnchadh Forbes agus b' esan a' chiad duine a fhuair sealbh an toiseach air Oighreachd Chill Bheathain. Dh'fhàs e beairteach agus cheannaich e Oighreachd Chùil Lodair bho Chlann Mhic an Tòisich.

Bha Clann Mhic an Tòisich ann an aimhreit le Iarla Mhoireibh a bha air sealbh fhaighinn de Choimisean Leifteanant a bha a' leigeil leis Clann Mhic an Tòisich a pheanasachadh agus càin mhòr a chur air Inbhir Nis airson a bhith a' toirt taic dhaibh. A' bhliadhna an dèidh dha faighinn na phròbhaist chaidh Forbes a dhèanamh tagradh ris an Rìgh an aghaidh na càin 's e a' gearan gun robh an t-Iarla "a' feuchainn air cur às dhan bhaile eachdraidheil, a bha air a stèidheachadh ro bhreith Chrìosda"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Donnchadh Forbes

1840an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan-neach; pròbhaistean; Ailig MacAonghais; Cill Bheathain; Cùil Lodair; Iarla Mhoireibh; Clann Mhic an Tòisich

Am Baile

Inverness Town House 2007

'S e an dealbh seo an dealbh as sine de phròbhaist a bh' air Inbhir Nis. 'S e dealbh, leth-bhreac, le Ailig MacAonghais ann an 1843, de Dhonnchadh Forbes a bha na phròbhaist eadar 1625 agus 1627 a th' ann. Tha i a' ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.<br /> <br /> B' e marsanta ann an Inbhir Nis a bha ann an Donnchadh Forbes agus b' esan a' chiad duine a fhuair sealbh an toiseach air Oighreachd Chill Bheathain. Dh'fhàs e beairteach agus cheannaich e Oighreachd Chùil Lodair bho Chlann Mhic an Tòisich. <br /> <br /> Bha Clann Mhic an Tòisich ann an aimhreit le Iarla Mhoireibh a bha air sealbh fhaighinn de Choimisean Leifteanant a bha a' leigeil leis Clann Mhic an Tòisich a pheanasachadh agus càin mhòr a chur air Inbhir Nis airson a bhith a' toirt taic dhaibh. A' bhliadhna an dèidh dha faighinn na phròbhaist chaidh Forbes a dhèanamh tagradh ris an Rìgh an aghaidh na càin 's e a' gearan gun robh an t-Iarla "a' feuchainn air cur às dhan bhaile eachdraidheil, a bha air a stèidheachadh ro bhreith Chrìosda"