Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leaghaidh almain a thogadh an Inbhir Ghòrdain bhon Adhar, 1975
EXTERNAL ID
QZP40_DINGWALLLIB_049
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
DEIT
An Dàmhair 1975
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37758
KEYWORDS
dealbhan-camara bhon adhar
ionadan cabhlachail
ionadan-leaghaidh
laimrigean
cruinn-ola
longan cuairt-mara
deilbh on adhar
Aerial view of the aluminiom smelter at Invergordon, 1975

Chithear san Dealbh-camara seo ionad leaghaidh almain a thogadh an Inbhir Ghòrdain air deireadh nan 1960an le Companaidh Almain Bhreatainn. Chithear cuideachd pìob a' ruith bhon ionad gu laimrig phrìobhaidich aig a' chompanaidh. Aig àrd a' chinneis bha 1,000 duine ag obair aig an ionad-leighidh, fear dhe na ionadan-tionnsgalach bu mhotha air a' Ghàidhealtachd. Mu dheireadh, ge-tà, cha robh e a' dèanamh prothaid agus bha aige ri dhùnadh san Dùbhlachd 1981.

Le cala domhainn, nàdarra agus e cho faisg air Caolas Chrombaidh bha Inbhir Ghòrdain na acarsaid air leth do longan. Tha a cheanglaichean ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais chun an 19mh linn agus chaidh ainmeachadh mar ionad oifigeil san 20mh linn, agus e iomadach uair na phort do Chabhlach na Dùthcha. Chaidh goireasan na luing'-lainn agus na tancaichean connaidh a chur gu feum leis a' Chabhlach Rìoghail anns a' Chiad agus san Dàrna Cogadh.

Dhùin ionad nèibhidh Inbhir Ghòrdain mu dheireadh an 1956 ach thogadh ionad-leaghaidh almain ann le Companaidh Almain Bhreatainn aig deireadh nan 1960an; agus chithear an laimrig aige fhathast aig mullach an deilbh-chamara seo. Nuair a bha an t-ionad ag obrachadh aig àrd a' chinneis, bha 1,000 duine ag obair ann, fear dhe na h-ionadan tionnsgalach bu mhotha air a' Ghàidhealtachd. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do rinn e prothaid agus bha a aige ri dùnadh san Dùbhlachd 1981.

Anns na 1970an, nuair a thogadh an dealbh seo, chunnacas meudachadh mòr an leasachadh ri linn gnìomhachas na h-ola. Leis cho faisg is bha e air raointean-ola a' Chuain a Tuath bha e na làrach air leth goireasach do dh'obair-togail is cumail suas innealan gnìomhachais na h-ola. Tha an obair-togail a-nis air crìonadh ach tha Inbhir Ghòrdain fhathast na phort cudromach airson obair a thaobh cumail suas innealan na h-ola. Tha a leithid caragò-mara agus longan cuairt-mara a' ciallachadh gu bheil am port fhathast a' soirbheachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leaghaidh almain a thogadh an Inbhir Ghòrdain bhon Adhar, 1975

ROS: Ros Cuithne

1970an

dealbhan-camara bhon adhar; ionadan cabhlachail; ionadan-leaghaidh; laimrigean; cruinn-ola; longan cuairt-mara; deilbh on adhar

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Aerial Views: Invergordon & Nigg