Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
John Birnie

Tha an dealbh seo de dh'Iain Birnie sa Phrìomh Thalla ann an Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis. Chaidh a peantadh ann an 1916 le Seòras Fiddes Watt.

Rugadh Iain Birnie ann an Siorrachd Bhainbh ann an 1856. Bho 1872 gu 1877 bha e ag obair aig Banca Rìoghail na h-Alba. An uair sin thòisich e air dreuchd fad-beatha ann an grùdaireachd.

Chuir Birnie ochd bliadhna seachad ann an Taigh-staile Bheinn Ruaidhneis air Fàn Spè mus tàinig e a dh'Inbhir Nis ann an 1885 gus a dhol air ceann Taigh-staile Ghleann Albain ann am Baile an Fhraoich.

Ann an 1893, ann an compàirteachas ri Teàrlach MacFhionnlaigh, an companaidh coimeasgachaidh ann an Lìte, thog Birnie Taigh-staile a' Ghlinn Mhòir cuideachd ann am Baile an Fhraoich. Thàinig an companaidh fo ainm MhicFhionnlaigh agus Birnie Earranta ann an 1906 agus bha Birnie na neach-stiùiridh air a' chompanaidh gu àm a bhàis. Cheannaich iad Taigh-staile Ghleann Albain ann an 1920.

Ghabh CompanaidhTaighean-staile MhicFhionnlaigh agus Birnie Earranta thairis ann an 1972. Dhùin an dà thaigh-staile ann an 1983 agus chaidh na togalaichean a leagail airson ionad bhùithtean.

Bha Birnie na bhall de Chomhairle a' Bhaile airson sia bliadhna deug. Fhritheil e na ionmhasair airson sia bliadhna agus na bhàillidh airson trì bliadhna. Chaidh a thaghadh mar Phròbhaist ann an 1910, dreuchd san robh e airson sia bliadhna. Mar Phròbhaist, ghabh e uallach a bhith ag eagrachadh cobhair dha saighdearan a bha air falbh a' dèanamh an dleastanas sa Chiad Chogadh Mhòr agus a' cofhurtachadh dhaoine a bha air luchd-dàimh a chall.

Taobh a-muigh na Comhairle bha Birnie na bhall den Urras Caladh agus de dh'Ùghdarras an Fhoghlaim agus na stiùiriche air Taigh-eiridinn Rìoghail a' Chinn a Tuath. Bha e an sàs ann an obair nan Saor-chlachairean, a' frithealadh mar Mhaighistir Urramach Loidse an Naoimh Eòin ann an Cill Dingeain agus mar Àrd-mhaighstir Roinneil air Siorrachd Inbhir Nis.

Bha Birnie measail air goilf agus rinn e mòran gus an gèam adhartachadh, agus bha e na chroladair dealasach. Bha tuathanas làn stuic aige cuideachd ann am Baile nam Feadag.

Bhàsaich Iain Birnie air 23 Gearran 1946

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain Birnie

1910an

Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis; deilbh; pròbhaist; uisge-beatha; taighean-staile; Taigh-staile Ghleann Albain; Taigh-staile a' Ghlinn Mhòir; MacFhionnlaigh agus Birnie; Saor-chlachaireachd; Baile nam Feadag

Am Baile

Inverness Town House 2007