Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh de Institiud Rois, Hacraig
EXTERNAL ID
QZP40_HALKIRK_060111_004a
ÀITE
Hacraig
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
1911
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
37832
KEYWORDS
bailtean
ainmeannan-àite
tallaichean
Ye Booke of Halkirk [1911], illustration of Ross Institute, Halkirk

Duilleag 4A de leabhran leis an tiotal 'Ye Booke of Halkirk - A Ross Institute Souvenir' a chaidh fhoillseachadh ann an 1911.

Tha dealbh peansail de dh'Institiud Rois ann an an Hacraig air an duilleig seo.

B' e togalach a chaidh a thogail bho thùs le Iain Ros, a chaidh air adhart gu bhith na Ridire Iain Ros à Dunedin, Sealan Nuadh, a rugadh ann an Gerston, Hacraig, san t-Samhain 1834 a bh' ann an Institiud Rois. Chaidh fhosgladh sa Mhàrt 1912 le a mhac bu shine, Iain Sutharlanach Ros. Thug e mar thiodhlac e do shluagh na Paraiste ann an 1913, Chaidh a nuadhachadh air fad ann an 1997, agus chaidh ath-fhosgladh le iar-ogha, Uilleam Tòmas Fearghas Ros, à Dunedin, air 30 An Lùnastal 1997.

'S e baile beag suidhichte sia mìle gu deas air Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh a th' ann an Hacraig.

'S e ainm Lochlannach le tùs eaglaiseil a th' anns an ainm-àite Hacraig. Chithear e mar Ha-kirkju sna seann sgeulachdan Lochlannach, agus mar Haukirc agus Haukyrc ann an sgrìobhainnean Laidinn bhon treas linn deug, agus 's e Hacraig a chanas na Gàidheil ris gus an latha an-diugh. 'S e am facal Lochlannach airson 'eaglais' a th' anns a' mhìr mu dheireadh gun teagamh agus thathas an ìre mhath cinnteach gur e seo a' chiad mhìr ach le dreach boireannta air 'Ha' bhon bhuadhair Lochlannach a' ciallachadh 'àrd'. Le seo, tha Hacraig a' ciallachadh 'Àrd Eaglais', ach chan eil fhios le cinnt carson. Feumaidh gun tug Hoy, ainm-àite glè fhaisg air, a tha cuideachd a' ciallachadh 'àrd', ainm dhan eaglais, agus gu bheil an t-ainm Hoy am falach anns an ainm Hacraig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh de Institiud Rois, Hacraig

GALLAIBH: Hacraig

1910an

bailtean; ainmeannan-àite; tallaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)

Ye Booke of Halkirk, 1911