Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh de Chalach Sginnid
EXTERNAL ID
QZP40_HALKIRK_060111_008
ÀITE
Hacraig
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
1911
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
37833
KEYWORDS
bailtean
ainmeannan-àite
clachan cruithneach
Ye Booke of Halkirk [1911], illustration of the Skinnit Stone

Duilleag a h-ochd de leabhran leis an tiotal 'Ye Booke of Halkirk - A Ross Institute Souvenir' a chaidh fhoillseachadh ann an 1911.

Tha dealbh air an duilleig seo de Chlach Sginnid. Chaidh Clach Sginnid a lorg ann an Caibeal an Naoimh Thòmais, Sginnid, ann an 1861. Tha croisean mòr-sgeadaichte oirre air an lìonadh le eadar-fhighe air gach taobh, le samhlaidhean cruithneach air gach taobh dhiubh agus pannal eadar-fhighte sìos aon de na taobhan caola.

B' e togalach a chaidh a thogail bho thùs le Iain Ros, a chaidh air adhart gu bhith na Ridire Iain Ros à Dunedin, Sealan Nuadh, a rugadh ann an Gerston, Hacraig, san t-Samhain 1834 a bh' ann an Institiud Rois. Chaidh fhosgladh sa Mhàrt 1912 le a mhac bu shine, Iain Sutharlanach Ros. Thug e mar thiodhlac e do shluagh na Paraiste ann an 1913, Chaidh a nuadhachadh air fad ann an 1997, agus chaidh ath-fhosgladh le iar-ogha, Uilleam Tòmas Fearghas Ros, à Dunedin, air 30 An Lùnastal 1997.

'S e baile beag suidhichte sia mìle gu deas air Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh a th' ann an Hacraig.

'S e ainm Lochlannach le tùs eaglaiseil a th' anns an ainm-àite Hacraig. Chithear e mar Ha-kirkju sna seann sgeulachdan Lochlannach, agus mar Haukirc agus Haukyrc ann an sgrìobhainnean Laidinn bhon treas linn deug, agus 's e Hacraig a chanas na Gàidheil ris gus an latha an-diugh. 'S e am facal Lochlannach airson 'eaglais' a th' anns a' mhìr mu dheireadh gun teagamh agus thathas an ìre mhath cinnteach gur e seo a' chiad mhìr ach le dreach boireannta air 'Ha' bhon bhuadhair Lochlannach a' ciallachadh 'àrd'. Le seo, tha Hacraig a' ciallachadh 'Àrd Eaglais', ach chan eil fhios le cinnt carson. Feumaidh gun tug Hoy, ainm-àite glè fhaisg air, a tha cuideachd a' ciallachadh 'àrd', ainm dhan eaglais, agus gu bheil an t-ainm Hoy am falach anns an ainm Hacraig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh de Chalach Sginnid

GALLAIBH: Hacraig

1910an

bailtean; ainmeannan-àite; clachan cruithneach

Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)

Ye Booke of Halkirk, 1911