Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh de Sir J. G. T. Mac na Ceàrdaich Bart à Ulbastair
EXTERNAL ID
QZP40_HALKIRK_060111_020A
ÀITE
Hacraig
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
1911
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37836
KEYWORDS
daoine
Ye Booke of Halkirk [1911], portrait of Sir J, G. T. Sinclair

Duilleag 20a de leabhran leis an tiotal 'Ye Booke of Halkirk - A Ross Institute Souvenir' a chaidh fhoillseachadh ann an 1911.

Tha dealbh camara de Sir J. G. T. Mac na Ceàrdaich Bart à Ulbastair.

Rugadh Sir J. G. T. Mac na Ceàrdaich air 8mh an t-Samhain 1825 ann an Dùn Èideann. Leifteanant ann an Geàrd na h-Alba (cluainidh). Phòs e Emma, nighean Uilleam Standish à Pàirc Duxbury, Lancashire & Talla Cockham, Durham. Bha aon mhac agus dithis nighean aca. Bhàsaich ise ann an 1889. B' e am BP Libearalach airson Gallaibh bho 1870-1885. Bha sealbh aige air 78000 acaire fearainn ann an Gallaibh. B' e ogha, Gilleasbaig, Eanraig MacDhòmhnaill Mac na Ceàrdaich, a rugadh air 22 An Dàmhair 1890 an t-oighre.

B' e togalach a chaidh a thogail bho thùs le Iain Ros, a chaidh air adhart gu bhith na Ridire Iain Ros à Dunedin, Sealan Nuadh, a rugadh ann an Gerston, Hacraig, san t-Samhain 1834 a bh' ann an Institiud Rois. Chaidh fhosgladh sa Mhàrt 1912 le a mhac bu shine, Iain Sutharlanach Ros. Thug e mar thiodhlac e do shluagh na Paraiste ann an 1913, Chaidh a nuadhachadh air fad ann an 1997, agus chaidh ath-fhosgladh le iar-ogha, Uilleam Tòmas Fearghas Ros, à Dunedin, air 30 An Lùnastal 1997.

'S e baile beag suidhichte sia mìle gu deas air Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh a th' ann an Hacraig.

'S e ainm Lochlannach le tùs eaglaiseil a th' anns an ainm-àite Hacraig. Chithear e mar Ha-kirkju sna seann sgeulachdan Lochlannach, agus mar Haukirc agus Haukyrc ann an sgrìobhainnean Laidinn bhon treas linn deug, agus 's e Hacraig a chanas na Gàidheil ris gus an latha an-diugh. 'S e am facal Lochlannach airson 'eaglais' a th' anns a' mhìr mu dheireadh gun teagamh agus thathas an ìre mhath cinnteach gur e seo a' chiad mhìr ach le dreach boireannta air 'Ha' bhon bhuadhair Lochlannach a' ciallachadh 'àrd'. Le seo, tha Hacraig a' ciallachadh 'Àrd Eaglais', ach chan eil fhios le cinnt carson. Feumaidh gun tug Hoy, ainm-àite glè fhaisg air, a tha cuideachd a' ciallachadh 'àrd', ainm dhan eaglais, agus gu bheil an t-ainm Hoy am falach anns an ainm Hacraig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh de Sir J. G. T. Mac na Ceàrdaich Bart à Ulbastair

GALLAIBH: Hacraig

1910an

daoine

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Ye Booke of Halkirk, 1911