Ùrachadh mu Dheireadh 23/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis on drochaid ùir
EXTERNAL ID
QZP40_INV_MISC_PHOTO_011
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an; 1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37862
KEYWORDS
Caisteal Inbhir Nis
drochaidean
taighean-cùirte
Drochaid Nis
prìosain
Inverness Castle from the new bridge

San dealbh seo chithear Caisteal Inbhir Nis fhad 's a bha drochaid ùr ga togail thairis air Abhainn Nis. Tha caisteal air a bhith air an làraich seo on 12ra linn. Fad 500 bliadhna às dèidh sin chaidh a sgrios agus ath-thogail iomadh uair.

'S ann o 1833-36 a tha ceann a deas a' chaisteil a th' ann an-diugh, 's e sin taigh na cùirte, agus chaidh ceann a tuath a' chaisteil air a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan ùr a thogail ann am Porterfield an Inbhir Nis, thàinig an ceann sin den chaisteal g bhith na àrd-oifis Poileas Siorrachd Inbhir Nis agus taigh na cùirte gu bhith na Sheòmar Comhairle Siorrachd Inbhir Nis. Às dèidh ath-eagrachadh an riaghaltais ionadail anns na 1970an thàinig e gu bhith na Rùm-cùirte na Sgìre.

'S e àitean-fuirich an luchd-obrach a bha an-sàs ann an togail na drochaid ùir a tha sna togalaichean fiodha fo Chaisteal Inbhir Nis. Bha an structair ùr a' gabhail àite seann drochaid chrochte a bha an seo o 1855. Chaidh a leagail ann an 1959 bho nach robh i comasach tuilleadh air an trafaig ann am meadhan a' bhaile a ghabhail. Chaidh an drochaid ùr fhosgladh gu h-oifigeil ann an 1961 agus tha i fhathast ann an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis on drochaid ùir

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an; 1960an

Caisteal Inbhir Nis; drochaidean; taighean-cùirte; Drochaid Nis; prìosain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Views of Inverness, 1960s

San dealbh seo chithear Caisteal Inbhir Nis fhad 's a bha drochaid ùr ga togail thairis air Abhainn Nis. Tha caisteal air a bhith air an làraich seo on 12ra linn. Fad 500 bliadhna às dèidh sin chaidh a sgrios agus ath-thogail iomadh uair.<br /> <br /> 'S ann o 1833-36 a tha ceann a deas a' chaisteil a th' ann an-diugh, 's e sin taigh na cùirte, agus chaidh ceann a tuath a' chaisteil air a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan ùr a thogail ann am Porterfield an Inbhir Nis, thàinig an ceann sin den chaisteal g bhith na àrd-oifis Poileas Siorrachd Inbhir Nis agus taigh na cùirte gu bhith na Sheòmar Comhairle Siorrachd Inbhir Nis. Às dèidh ath-eagrachadh an riaghaltais ionadail anns na 1970an thàinig e gu bhith na Rùm-cùirte na Sgìre.<br /> <br /> 'S e àitean-fuirich an luchd-obrach a bha an-sàs ann an togail na drochaid ùir a tha sna togalaichean fiodha fo Chaisteal Inbhir Nis. Bha an structair ùr a' gabhail àite seann drochaid chrochte a bha an seo o 1855. Chaidh a leagail ann an 1959 bho nach robh i comasach tuilleadh air an trafaig ann am meadhan a' bhaile a ghabhail. Chaidh an drochaid ùr fhosgladh gu h-oifigeil ann an 1961 agus tha i fhathast ann an-diugh