Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabharlann Poblach, Inbhir Theòrsa
EXTERNAL ID
QZP40_LIBRARY_004
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
An Dàmhair 1993
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37898
KEYWORDS
leabharlannan
sgoiltean
instidiùdan
acadamaidhean
borghan
bailtean malairt
Public Library, Thurso

Chaidh an togalach air Caolraid Davidson anns a bheil an Leabharlann Poblach a-nis a dhealbhadh le W Warner Scott à Dùn Èideann mar sgoil do bhalaich air an robh Institiùd Miller agus an uair sin Acadamaidh Miller. Chaidh Institiùd Miller, a chaidh a stèidheachadh le Alasdair Miller, a thogail eadar 1859 agus 1862. Bha Miller, a bha à Inbhir Theòrsa, na mhalairtiche agus an uair sin na thuathanach. Fhuair e dìleab mhòr bhon uncail aige a bha na mhalairtiche ann an Ameireagaidh a Deas agus chleachd e cuid den airgead seo gus Institiùd Miller a stèidheachadh.

Bha an Dr Urr Alasdair Miller, ministear Eaglais Shaor Aonaichte a deas Bhucaidh ann am Banbh, a bha na mhac-bràthair-seanar aig Miller cuideachd na thabhartair don Institiùd.

Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' air a dhealbhadh, an cois borgh nam meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais.

Thòisich togail a' bhaile ùir seo mu 1800. Chaidh na sràidean a dhealbh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants".

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabharlann Poblach, Inbhir Theòrsa

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1990an

leabharlannan; sgoiltean; instidiùdan; acadamaidhean; borghan; bailtean malairt

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries Past & Present