Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dr Iain Inglis Nicol
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_04
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
1849
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert Innes
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
379
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan-neach
lighichea
pròbhaistean
Raibeart Innes
Taigh a' Bhuic
Uilleam Inglis
Campfield
Ladies Walk, àiteachas
clò
Muileann an Tuilm, cholera
Dr John Inglis Nicol

Tha an dealbh seo de Dhr. Iain Inglis Nicol, le Raibeart Innes à Dùn Èideann, ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis. Chaidh an dealbh a thoirt dhan bhaile anns an t-Samhain 1849.

Rugadh Iain Nicol ann an Taigh a' Bhuic faisg air a' Mhanachainn ann an 1788. Fhuair e ionnsachadh obrach le Dr McUalraig ann an Inbhir Nis ach chuir e crìoch air fhoghlam proifeiseanta ann an Lunnainn. Fhuair e ceum M.D. bho Oilthigh Tubingen anns a' Ghearmailt. Thill e a dh'obair mar dhotair ann an Inbhir Nis ann an 1812.

Bha ùidh aig an Dr. Nicol ann an gnothaichean na comhairle agus bha e na phròbhaist bho 1840 gu 1843. Bha e ag obair gu cruaidh gu sònraichte airson piseach a thoirt air siostam glainneid agus òtrachais a' bhaile.

Bha fear de shinnsearan, Uilleam Inglis, air a bhith na phròbhaist roimhe bho 1797 gu 1800.

Rannsaich an Dr. Nicol ceimigeachd agus àiteachas. Bha a thuathanas aig Campfield tric air a chleachdadh airson deuchainnean àitich agus deuchainnean air pòran. Chan eil Campfield ann a-nis idir ach 's e an sgìre dhen bhile anns a bheil Ladies Walk. Fhuair e muileann beag fiodha mar dhìleab cuideachd, Muileann an Tuilm, air bruaichean Abhainn Nis. Rinn e gnothachas a bha a' fàilligeadh soirbheachail, 's e a' cur thogalaichean agus innleachdan ùra an sàs. Bha siostam cruthachaidh a bha gu math na b' fheàr a' dèanamh deagh aodach.

Dh'eug Dr Nicol le cholera, a fhuair e an uair a bha e aig aon dhe na h-euslaintich aige, ann an 1849

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dr Iain Inglis Nicol

1840an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan-neach; lighichea; pròbhaistean; Raibeart Innes; Taigh a' Bhuic; Uilleam Inglis; Campfield; Ladies Walk, àiteachas; clò; Muileann an Tuilm, cholera

Am Baile

Inverness Town House 2007